Beul na gaoithe
CHAIDH moladh le comataidh phàrlamaideach gun rachadh binn latha às a dreuchd sa Phàrlamaid a chur air Wendy NicAlasdair an dèidh dhaibh a faighinn ciontach air casaid gun do ghabh i ri tabhartasan airgid bho luchd-taic gun a bhith a' toirt an fhiosrachaidh cheart don Phàrlamaid.
FHUAIR Ceannard Zimbabwe, Robert Mugabe, droch chàineadh bho Nelson Mandela an t-seachdain seo nuair a thuirt Mandela gun robh Zimbabwe a' fulang fo fhàilligeadh ceannais a tha uabhasach. Thèid taghadh nàiseanta air adhart a dh'aindeoin 's gun do tharraing na dùbhlanaich a-mach fo eagal bhàis aig làmhan luchd-taic Mhugabe.
THÀINING prìomh-bhaile nan Stàitean Aonaichte fo cheannsal Ard-Chùirt na dùthcha Diardaoin nuair a cho-dhùin britheamhan gun robh riaghailtean teann Washington air gunnaichean-làimhe a' dol an aghaidh còraichean bhunaiteach 'Darna Atharrachadh' bun-reachd nan Stàitean Aonaichte a tha ceadachadh armachd a bhith aig an t-sluaigh.
FHUAIR an soitheach-fànais 'Pheonix' fianais gun gabhadh creutairean a bhith beò air ùir Mars nach eil ro mhì-choltach ri ùir na Talmhain: caran salainneach le ph eadar 8 's 9.
THA an Lìog Ceilteach a' moladh gum bu chòir don ainm 'Alba' a' nochdadh air lèintean sgioba rugbaidh na h-Alba cho math ri 'Scotland'. Tha iad air athchuinge don SRU a chur air dòigh aig: www.petitiononline.com/cleague/petition.html
The full article contains 250 words and appears in The Scotsman newspaper.
-
Last Updated:
27 June 2008 11:51 PM
-
Source:
The Scotsman
-
Location:
Edinburgh
-
Related Topics:
Gaelic language