Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Wednesday, 20th August 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

'Ma tha thu ag iarraidh do chàineadh, pòs' – ach seo moladh mòr air CD mu phòsadh



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 07 June 2008
SE Wooed and Married an Aa (CDTRAX9023) àireamh 23 san t-sreath Scottish Tradition, far am faighear taghadh o na clàraidhean prìseil aig Sgoil Eòlais na h-Alba.
Thogadh na clàraidhean air Wooed and Married an Aa ann an iomadh ceàrn de dh'Alba, 's tro òrain, ceòl, canntaireachd agus còmhraidhean tha iad a' toirt dealbh inntinneach da-rìribh dhuinn air na cleachdannan eadar-dhealaichte a bha agus a tha ceanga
ilte ri pòsadh ann an Alba, agus mar a tha iad air atharrachadh tro na linntean.

Tha an CD a' tòiseachadh le clàradh a rinn Calum MacGillEathain ann an 1953 den t-sàr phìobaire Raghnall Labhraidh ás an Òban 's e a' cluichd The Wedding Gift – caismeachd a rinneadh le Ruairidh Caimbeul a bhuineadh dhan Eilean Sgitheanach. Dìreach as dèidh sin, tha The Highland Wedding air a chluichd air a' bhogsa le Alec MacLeòid á Kelso, le togail ann am pailteas.

Cluinnear cuideachd Màiri Mhoireasdan á Barraigh a' seinn Dè Chuir am Mulad Ort Oidhche na Bainnse? ann an canntaireachd, ealain air an robh alt air leth aice. Aithnichidh gu leòr am fonn seo mar Bha mi air Bainis am Bail' Inbhir Aora, air neo The Campbells are Coming.

Tha an CD air a roinn ann an ceithir earrannan. Sann sa chiad earrainn a tha a' chuid as motha de na clàraidhean sa Ghàidhlig. Chaidh an taghadh 's an eadar-theangachadh le Mòrag NicLeòid, 's 'nam measg tha clàradh annasach de rèiteach ann an Sgalpaigh. Tha Òran Ghleann Bhargaill, a sheinn Ùisdean MacRath, a' toirt thugainn dealbh inntinneach air buaidh nan seann bhainnsean air a' choimhearsachd.

Cluinnear dà òran inntinneach on Urr. Uilleam MacMhathain san dara earrainn. Se aoir a th' annta le chèile – A' Bhainis a Bha 'n Ciostal Odhar far an robh aimhreit agus ùpraid ann am pailteas, agus Bainis an Dotair a bha, mas fhìor, a' cur thairis le biadh is deoch is bàidh.

Tha an treas earrann a' dèiligeadh ri cleachdannan ro là a' phòsaidh 's 'na dhèidh, 's tha cuid de na cleachdannan sin beò ann an riochd air choreigin fhathast. Se clàraidhean á Sealtainn a th' anns a' cheathramh earrainn, 's mar a bhiodh dùil tha tòrr fìdhleireachd ri chluinntinn.

Ged a tha othail is aighear am pailteas troimhe gu lèir, chan e CD a tha seo dhen t-seòrsa a chuireadh tu air 's tu dèanamh rudeigin eile. Tha e airidh air làn aire oir tha mòran ri ionnsachadh bhuaithe mun dùthaich againn fhìn 's mu nàdar mac an duine.

CHAIDH cruinneachadh eile le òrain o bheul-aithris fhoillseachadh air CD o chionn ghoirid – Heather and Glen (ACRCD309). Nochd e reimhid air clàr, o chionn iomadh bliadhna, 's tha e math gu bheil cothrom aig ginealach eile èisteachd ri cuid de na clàraidhean a thog Ailean Lomax, Calum MacGillEathain agus Hamish MacEanraig ann an 1951. Tha an t-seinn aig Jeannie Robertson dhen òran My Son David fìor dhrùidhteach, ach dhearbh i gun robh sàr chomas aice air òran gu math na b' aotruime leithid Maids When You're Young, Never Wed an Old Man a sheinn le spòrs agus spiorad.

Cluinnear taghadh inntinneach air an CD seo on Ghaidhealtachd, le ceòl aotrom air a' phìob o Iain Burgess, canntaireachd o Mhàiri Mhoireasdan á Barraigh, rannan beaga o Chalum MacIain á Barraigh agus òrain luaidh á Uibhist a-Deas. Bheireadh an togail a th' anns na puirt-á-beul aig Iain MacAonghais agus Iain MacLeòid á Uibhist a-Deas air neach sam bith a dhol a dhannsa.

Uaireannan cluinnear seinneadairean òga anns a' Ghàidhlig ag atharrachadh nan guthan nàdarra aca nuair a bhios iad a' seinn san t-seann nòs. B' fhiach dhaibh èisteachd ris an t-seinn bhinn bhrèagha aig Flòraidh NicNìll 's i a' seinn Mo Rùn Geal Òg agus A Phiuthrag 's a' Phiuthar ann an 1951.

Is fhiach Heather and Glen a cheannach fiù air son sin fhèin.

MAR a thuigear on ainm, tha an CD Jiggin the Blues (G2CD7011) on fhìdhlear ainmeil Èireannach Frankie Gavin gu math eadar-dhealaichte on dà CD air an tug mi iomradh mar-thà.

Sann á Cor an Dola ann an Co. Gaillimh a tha Frankie, agus chuir mòran eòlas air a' chluichd aige nuair a bha e anns a' chòmhlan De Danaan. On uair sin, tha e air nochdadh còmhla ri luchd ciùil de dh'iomadh seòrs, am fìdhlear jazz Stephane Grapelli 's na Rolling Stones 'nam measg. Air Jiggin the Blues tha e fhèin, Rick Epping (harmonica, concertina agus tromp) agus Tim Edey (gitàr agus meur-chlàr) a' cur ri chèile ceòl Èireannach agus blasad beag de cheòl blues gus CD a chruthachadh a tha fìor tharraingeach. Tha e a' tòiseachadh le Baby, Please Don't Go, an t-aon òran a th' air an CD, agus tha sin ag atharrachadh cha mhòr gun fhiosd' chun a' phuirt Èireannaich Pol Ha'penny.

Tha measgachadh math de phuirt 's de dhòighean cluichd air Jiggin the Blues. Chòrd an tromp bheòthail a bha leis an fhìdhill ann an Frank Quinn's Reels rium gu mòr. Se an gitàr as motha tha toirt taic dhan fhìdhill anns a' phort mhall bhrèagha Cill Chais agus san ruidhle London Lasses a tha ga leantainn – agus abair gu bheil a' chluichd sgileil!

Tha Jiggin the Blues a' dearbhadh nach do chaill na h-Èireannaich an tàlant air a bhith a' sìneadh a-mach gu iomadh dualchas gun sealladh a chall air an dualchas aca fhèin.

• OUR music critic seems delighted with the School of Scottish Studies' latest CD selection from its priceless archives. It's on the theme of weddings and marriage customs. And she has a piece of advice for younger Gaelic singers – listen to Flora MacNeil, left, singing on the reissued Heather and Glen.



The full article contains 1051 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 06 June 2008 10:36 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.