AN t-seachdain sa chaidh thug mi cunntas air Gàidhealtachdan Ùra, a tha mu dheidhinn nan coimhearsnachdan Gàidhlig sna bailtean móra – Glaschu 'nam measg. Ach bha Glaschu 'na Gaidhealtachd roimhe.
Faodaidh sinn a dh'ràdh gun tàinig na Gaidhil dhan bhaile nuair chaidh Srath Chluaidh fhilleadh a-staigh do rìoghachd na h-Alba ann an 1018. Bhiodh mu 100 no 200 bliadhna an uair sin a bha a' Ghàidhlig air thoiseach air cànanan eile a' bhaile (Cuimri
s, Beurla, Laideann, Frangais, Flamais) gus mu dheireadh an do bhrùth a' Bheurla a-mach i.
Fad 600 bliadhna eile, gu timcheall air 1818, dh'fhan crìoch na Gaidhealtachd air fàire nam beann, gun ach fichead mìle mu thuath, aig Cas Rois, Lus agus Cill' Èarnain. Cha bhiodh uair sam bith feadh nan 600 bliadhna sin nach robh Gaidhil no fiùs "Gaidhealtachd" sa bhaile. Gus na thòisich na h-Éireannaich a' nochdadh 'nan dròbhan timcheall air 1800, b'iad Gaidhil na h-Alba a' bhuidheann in-imrich as motha.
Tha e 'na ìoranas, ma-tà, nuair bheachdaicheas sinn air Glaschu ann an eachdraidh nan Gaidheal, gur ann air na bliadhnaichean eadar 1800 's an latha an-diugh as motha a bhios ar n-aire. Ach tha adhbhar math ann. Ann an 1800 bha 75,000 duine ann an Glaschu; fo 1900 bha millean, 's 'na meudachd tha am baile cho mór an-diugh ri Uibhist a-Tuath.
Sin an eachdraidh fhada as cuspair do Glasgow: Baile Mòr nan Gàidheal, deasaichte le Sheila M Kidd (Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu, £20). Tha dusan aistidhean ann le diofar sgrìobhadairean, a dhà dhiubh (le Michel Byrne agus Sheila Kidd fhéin) anns a' Ghàidhlig, an còrr sa Bheurla.
Ann an naoi dhiubh tha eachdraidh nan Gaidheal sa bhaile air a cur an céill san dòigh "Ghàidhlig" – no "Cheilteach"? Se sin, tro litreachas, an dà chuid rosg agus bàrdachd. Uaireannan, leithid aig Christopher Whyte a' sgrìobhadh mu dheidhinn fhéin neo a' còmhradh ri Ruaraidh MacThòmais, se an litreachas fhéin an targaid. Uaireannan, leithid aig Byrne 's aig Coinneach Dòmhnallach, tha na ceudan bhliadhnaichean de litreachas air am fàsgadh gu dìcheallach air son na thig ás de bhoinneachan eachdraidh. Uaireannan, leithid aig Roibeard Ó Maolalaigh, Kidd agus Dòmhnall Meek, tha am fòcas nas caoile, nas soilleire: pìos iongantach de rosg Gàidhlig bho 1776; "Caraid nan Gaidheal"; na bliadhnaichean 1870-90.
Dhe na trì aistidhean a tha gu tur eachdraidheil (le Cathair Ó Dochartaigh, Charles Withers, Simon Taylor) se an té aig Taylor, a' toirt sùil aithghearr air ainmean àite Gàidhlig Ghlaschu, a bu mhotha chòrd riumsa. Chan urra do Ghaidheal a bhith beò sa bhaile gun a bhith co-dhiù leth mhothachail gu bheil ainmean Gàidhlig mun cuairt air: Barmulloch, Cardonald, Drumchapel, Govan …
A' cleachdadh fianais chruaidh o sheann sgrìobhaidhean, tha Taylor ag innse mu bheagan dhiubh. Chan eil e ach a' tabhann nan eileamaidean as coltaiche 's a' fàgail againne an cur còmhla ma thogras sinn. Sin an dùbhlan a thog sinn sa mhapa shuas – toiseach tòiseachaidh beag air làn mhapa Gàidhlig Ghlaschu a chur ri chéile? Cha d'rinn sinn ach aon atharrachadh: mhol Taylor gart + an + ubhal 'Gart of the apple(s)' air Gartnavel, ach shaoil sinne gun robh Gart an Abhaill no nan Abhall 'the Field of the Apple-Tree(s)' nas coltaiche.
THA cuid a leabhraichean fada nas tarraingiche na na tiotalan aca. Tha Neill Martin, The Form and Function of Ritual Dialogue in the Marriage Traditions of Celtic-Language Cultures (Edwin Mellen Press, Lampeter, £79.95) den t-seòrsa seo – tha e air a dheagh sgrìobhadh, tha e mu chleachdaidhean pòsaidh, agus tha dualchas Gàidhlig na h-Alba a' toirt a chridhe 's a bhrìgh dha.
Bidh fios aig móran leughadairean gun robh uair dh'an t-saoghal a bha am pòsadh air a thoirt gu ìre 'na thrì cheumannan: an còrdadh (no an réiteach beag), an réiteach (no an réiteach mór) agus a' bhanais. O chionn greis mhath dh'fhoillsich Mórag NicLeòid, ann an Tocher, facail a' chòmhraidh a chaidh a chlàradh aig réiteach ann an Sgalpaigh na Hearadh ann an 1970. Cha b'e còmhradh cumanta bha seo idir ach seòrsa de dhràma san robh eileamaidean a bha deasaichte ro làimh 's eileamaidean nach robh. Bha mu 80 duine san éisteachd. Bha an luchd còmhraidh a' réiteachadh an rathaid ron chàraid òig, ach a réir an dùthchais bha aca r'a dhèanamh ann an cainnt shamhlachail (bha seòrsa de Miss World pageant ann cuideachd mus do nochd bean na bainnse). Tha sinne toirt seachad pìos beag dheth: tha Niall agus Calum a' bruidhinn ás leth fear na bainnse, 's Noraidh agus Seonaidh ás leth bean na bainnse. Se Coinneach a h-athair, 's tha a shianar ìghnean eile pòsta cheana.
Sann air a' chòmhradh seo a tha an leabhar air a thogail, ach gur ann beag air bheag tha Martin a' tighinn thuige – a' tòiseachadh le deasghnàthan 's foirmlean-labhairt pòsaidh ann an dùthchannan cho fada bho chéile ris an Spainnt, Madagascar agus Iapan, a' gluasad tro na dùthchannan Ceilteach gu Alba, a' cur nan cleachdainnean Sgalpach 'nan coitheacsa eachdraidheil Ghaidhealach, 's an uair sin a' déiligeadh ris na cuspairean a thàinig am bàrr: "deasghnàthan dorais", buntanas na droch shùla ("sùil" sa bhogs' againn, clì) ris a' chùis, còmhraidhean a bhuineas do dh'amannan sònraichte dhen bhliadhna, leithid na Bliadhn' Ùire – "doras" mór eile!
Tha corra nì a thaobh dualchas nan Gaidheal a' faighinn seachad air Martin – mar eisimpleir, tha e mach air daoine air leth ann an dùthchannan eile a bhiodh a' falbh an tòir air crodh caillte, ach chan eil e ag ainmeachadh nan "deòraidhean" againn fhìn aig an robh siud mar dhleasnas.
Ach seo leabhar aig am bi tarraing mhór do na Gaidhil, 's gu seachd sònraichte do Sgalpaich, do dhuine sam bith le ùidh ann an seann eachdraidh na dràma, agus dhaibhsan a tha a' deasachadh òraid bhainnse. Is truagh, truagh gu bheil e cho daor.
The full article contains 1097 words and appears in The Scotsman newspaper.