Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

The hunt is On.
Sponsored by
Can you track down Scotland's wildest beastie?
 
 
Wednesday, 3rd December 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the Scotland On Sunday site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Am miann mu dheireadh: TBh Gàidhlig air telebhisean àbhaisteach



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 27 July 2008
BIDH fios aig feadhainn agaibh gu bheil mi a' falbh. Seo an colbh Gàidhlig mu dheireadh agam a bhios mi a' sgrìobhadh dhan phàipear, co-dhiù anns an dreuchd a tha air a bhith agam gu ruige seo. Anns a' chealla deug a chaidh seachad, tha mi air a bhith dheth is ag ullachadh a dhol a dh' obair ann an Casachstan. Tha mi air ionnsachadh gu bheil e comasach dha neach ruith a-mach a pocannan plastaig, agus gu bheil mi air fada fada cus stuth a chruinneachadh thairis air na bliadhnaiche
Cuiridh mi geall nach mi an aon neach aig a bheil Gàidhlig a bhios thall an sin. Bidh gu leòr de luchd-obrach na h-ola thall agus iad a' dèanamh beò-shlaint an sin.

Bidh mi ag ionndrainn a bhith a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig anns a' phàipear seo.
Saoilidh mise gu bheil e cudromach dhan chànain gu bheil i air a faicinn ann am pàipearan mòra nàiseanta. Agus tha e feumail gu bheil cothrom aig na Gàidheil cuideigin a leughadh a tha a' feuchainn ri a bhith a' bruidhinn as leth ar sluaigh is ar dualchais.

Chan eil freastal ar cànan is ar dualchais ann an làmhan sgrìobhaiche paipear-naidheachd sam bith, is bu chòir dhuinn a bhith taingeil son sin. Tha freastail na Gàidhlig an urra ri gach neach a bhruidhneas ar cànan agus a tha a' gabhail uallach ma deidhinn. Tha cùisean cuideachd an urra ris an luchd-ionnsachaidh a tha gu bhith a' fàs nas cudromaiche dhan Ghàidhlig. Agus tha gnothaich aig daoine gun Ghàidhlig ri dè thachras cuideachd. 'S e fear-deasachaidh gun Ghàidhlig a dh' iarr orm tòiseachadh air a' cholbh seo a sgrìobhadh, agus feadhainn eile gun Ghàidhlig a dh' iarr orm leantainn air adhart. A bharrachd air an sin, 's iad ministearan riaghaltais gun Ghàidhlig a tha a' gabhail uallach son ar cànan agus iad a' feuchainn ri gnothaichean a thoirt air adhart.

Cha bhi anns a' cholbh mu dheireadh ach measgachadh de phuingean mu chor ar dualchais is ar sgìre.

• Bidh a' Ghàidhlig beò ann an riochd no coltas air choireigin. Ged nach biodh i ann tuilleadh mar chànan choimhearsnachd mar a thuigeadh sinne, tha i gu bhith ann an dòigh air choireigin. Tha daoine air a bhith a' rabhadh gum biodh i marbh "am broinn 10 bliadhna" bho chionn 100 bliadhna. Cha bhi coimhearsnachdan ann mar a dh' aithnicheadh sinne iad, ach bidh iad ann.

• Bu chòir an sianail ùr Gàidhlig a bhith air telebhisean àbhaisteach cuideachd, a bharrachd air seirbheisean saideal digiteach, co-dhiù anns na h-Eileanan Siar. Tha e air leth cudromach gum faicear an sianail ùr agus gum bi e furasta dha seann daoine gun na h-uidheaman is teicneolas as ùire an seirbheis fhaighinn. Coma leibh a' bheachd gum buin telebhisean digiteach dhan linn a tha ri teachd agus an seann siostam dhan linn a tha air falbh, ma tha sin fior cuireamaid a' Ghàidhlig far a bheil C4 no ITV an-dràsta.

• Feumaidh Gàidheil a tha a' frithealadh nan eaglais barrachd aire a thoirt dha adhradh nan cànan fhèin an àite a bhith a' dìon argamaidean is sgaraidhean a thachair bho chionn fhada is nach eil a' dèanamh ciall dha duine beò. Tha e mì-nàdarrach gu bheileas ag ràdh nach eil àite no dleasdanas aig na h-eaglaisean ann a bhith a' cumail na Gàidhlig a' dol agus iad deònach gu leòr muinntir na Gàidhealtachd a chleachdadh ann am blàran gus seann chleachdaidhean eile a dhìon – an seann Bhìoball Beurla mar eisimpleir.

• TBh II. Cha bu chòir dhan sianail ùr Gàidhlig a bhith ag amas cus air cliù fhaighinn bho dhaoine nach bruidhinn ar cànan ach a tha mas fhìor cho eòlach air an telebhisean. Tha sianailean telebhisean air feadh an t-saoghail làn de uairean a thìde de phrògraman a tha mòran nas coltaiche ri seann clàran le Calum Ceanadach na tha na rudan a chithear air TBh Breatannach anns an là a th' ann. Chan eil iad càil nas mìosa son sin. Chan eil againn ri dhearbhadh ri daoine ann an geansaidhean dubha a tha ag òl lattés. Co-dhiù tha fìrinn anns na prògraman Gàidhlig.

• Tha na mìltean a-muigh an sin nach bruidhinn facal Gàidhlig ach a tha ag iarraidh nach leig sinne le ar cànan a dhol bàs. Chan eil sinn nar n-aonar.





The full article contains 817 words and appears in Scotland On Sunday newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 26 July 2008 7:35 PM
  • Source: Scotland On Sunday
  • Location: Scotland
 
1

Tearlach,

Juneau 28/07/2008 05:16:01
Tha cuideigin aig a bheil Gàidhlig ann an Casachstan. Bhruidhinn mi rithe turas neo dhà air a fòn 's tha blog Gàidhlig aice.

seo an seoladh aice:

http://uidh.blogspot.com/

2

Calum Crubag,

Dùn Eideann 28/07/2008 09:16:46
An dochas gum bi tuilleadh Gaidhlig an SoS air dha Murchadh falbh.
3

radge dug,

http://radgedug.blogspot.com/ 29/07/2008 11:14:16
Mar sin leat. Ach an tig thu gu Eilean nam Punc mus fhalbh thu gus Oi Polloi fhaicinn?!
4

Uilleam,

Alexandria 30/07/2008 17:46:13
Mo chreach! Tha mi duilich gum falbh thu. Ach mòran taing airson iomadh colbh ùidheil agus na podcraolaidhean.

Gu math a thèid leat ann an Casachstan!

Liam

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.