Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

The hunt is On.
Sponsored by
Can you track down Scotland's wildest beastie?
 
 
Wednesday, 3rd December 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

An dùbhlan as motha se na daoine òga a lorg a nì an obair



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 26 July 2008
THA Dòmhnall MacNèill ag aideachadh g'eil dùbhlan roimhe le bhith a' cur an gnìomh Plana Gàidhlig Comhairle na Gaidhealtachd, ach tha e cuideachd an dòchas an latha fhaicinn nuair nach bi feum air an dreuchd ùr aige ma shoirbhicheas leis a' Phlana anns an ùine fhada.
Chaidh am Manaidsear Leasachaidh ùr airson na Gàidhlig aig Comhairle na Gaidhealtachd a thogail ann an teaghlach Gàidhlig ann an Inbhir Nis. Tha eòlas farsaing aige air obair mheadhanan agus leasachaidh bho bhith ann an telebhisean agus rèidio 's ai
g Iomairt na Gaidhealtachd 's nan Eilean fad iomadh bliadhna.

B'e an dreuchd mu dheireadh a bh' aige mus do thòisich e aig a' Chomhairle a bhith an sàs ann am poileasaidhean còmhdhail HIE, a' feuchainn ri goireasan còmhdhail na sgìre a leudachadh. "Bha mi a' lorg rudeigin a bha dùbhlanach, tha mi smaoineachadh gu bheil sgilean agamsa a tha gu math freagarrach airson an obair. Oir chan e obair tha seo airson sàr Ghaidheal, cuideigin aig a bheil Gàidhlig academaigeach, chan e acadeamaig a th' annam. Tha sgilean eile agamsa: ag obair còmhla ri daoine, a' feuchainn ri rudan a bhrosnachadh agus a thoirt air adhart.

"Tha mi faireachdainn g'eil an t-àm a' tighinn far am faic sinn adhartas. 'S dòcha gu robh e gu bhith duilich tighinn a-steach gu saoghal na Gàidhlig o chionn dhà no trì bliadhna, far am biodh tu a' faireachdainn gu robh thu bualadh do cheann ri balla. 'S dòcha gu bheil sinn air ìre a ruighinn leis a' Phlana Nàiseanta, Bòrd na Gàidhlig agus ionmhas air choreigin a bhith ann, far a bheil sinn a' faicinn cùisean a' gluasad air adhart."

Ged a tha is dòcha an roinn phoblach nas deiseile barrachd spèis a thoirt dhan Ghàidhlig na bha i, chan eil MacNèill air a mhealladh a thaobh cho doirbh 's a tha e a bhith toirt a' phlana Ghàidhlig gu buil. "Tha 80 gnìomhan eadar-dhealaichte ri'n toirt air adhart, 's tha sin a' gabhail a-steach a h-uile càil bho Gàidhlig ga tabhann anns na sgoiltean gu soidhnichean rathaid, rud a tha gu math connspaideach ann an cuid a cheàrnaidhean. Se rud gu math farsaing a th' anns a' phlana.

"Tha sinn ag iarraidh gum bi daoine faicinn a' Ghàidhlig nas cumanta agus nas bitheanta sa bheatha làitheil aca. Nis is dòcha gu bheil sin a' ciallachadh rudan beaga mar a' dol a-steach gu oifis na Comhairle 's gum bi soidhne dà-chànanach ann, 's dòcha gum bi e ciallachadh gum faic thu beagan a bharrachd neart no misneachd a thaobh foghlam na Gàidhlig sna bliadhnaichean a tha romhainn. Bu chòir gum bi a' Ghàidhlig nas stèidhichte ann an obair làitheil na Comhairle."

Tha MacNèill a' faicinn aon duilgheadas mòr. "Dùbhlan eile, tha mi a' smaoineachadh, se daoine a lorg airson obraichean a dhèanamh. Gu ìre gabhaidh ionmhas a lorg, gu ìre tha sin nas fhasa. Tha a h-uile pàirt de shaoghal na Gàidhlig 's dòcha a' dol am meud an-dràsta, tha craobh-sgaoileadh gu bhith air a thogail a-rithist, tha foghlam a' fàs fhathast, agus obraichean leasachaidh. Tha am buidheann de dhaoine òga a tha comasach air na rudan sin a dhèanamh, chan eil sin a' dol am meud chun na h-aon ìre. Agus tha e gu bhith duilich daoine a lorg a bhios deiseil agus deònach na rudan seo a ghluasad air adhart."

Tha a' Chomhairle a' cur air dòigh rannsachadh an-dràsta air cò mheud neach-obrach a tha aig a' Chomhairle aig a bheil Gàidhlig, no aig a bheil ùidh sa chànan. "Bidh beachd againn air dè seòrsa goireas a th' againn a thaobh daoine. Agus an uair sin bidh sinn a' feuchainn ris a' chànan fhighe a-steach dhan obair làitheil. Chan e rud beag tha sin a dhèanamh, mar sin tha e gu bhith duilich."

Agus prìomh amas a' phlana? "Anns na bliadhnaichean a tha romhainn cha bu chòir dhan a' Ghàidhlig a bhith 'na rud sònraichte, neònach, a-mach ann a shiud," tha e a' freagairt. "Bidh i air a fighe a-steach gu math domhainn ann an obair làitheil a h-uile buidhinn aig a bheil plana Gàidhlig. Se sin an ceann-uidhe, cha tachair e ann an còig no deich bliadhna, ach tachraidh e beag air bheag gum bi daoine a' smaoineachadh air a' Ghàidhlig mar phàirt dhen obair nàdarra aca. Agus an uair sin se a' cheist a bhios ann, am bi feum air luchd-leasachaidh, am bi feum air an dreuchd agamsa ann an deich bliadhna? Mas e gun tèid cùisean gu math, cha bu chòir gum bi."





The full article contains 864 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 25 July 2008 9:19 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
1

Houssine,

Nanterre 26/07/2008 16:27:05
I read regularly your article in gaelic ,Alisdair.I think it will be more profitable for your reader to give him the oportunity to listen the article in the same time.I read regularly the www.iht.com and i can listen the article in the same time.I think is a good idea for one as me who want to knowledge gaelic language.

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 

Featured Advertising



Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.