Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Wednesday, 20th August 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Athaisg Shucksmith: dòchas agus culaidh smuainte



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 07 June 2008
MU DHEIREADH thall thàinig an athaisg aig a' Phrofeasair Mark Shucksmith am follais.
Tha croitearan air a bhith ga feitheamh fiach am faigh iad dòchas 'nan cuid obrach, agus tha iad a-nis den bheachd, a rèir mar a thuirt am Profeasair, nach bu chòir bacadh sam bith a bhith orra a dhol air adhart le obraichean ùra air na croitean.
Cumaidh na tabhartasan bhon riaghaltas a' dol air son leasachaidhean mar feansadh, drèanadh 's frith-rathaidean.

Se an co-dhùnadh as cudromaiche aig Shucksmith gum bu chòir cumhachd a chur ann an làmhan nan croitearan seach ann an taobh a-staigh buidheann mar Chomisean nan Croitearan.

Mhol am Profeasair gun rachadh an Comisean a chur ás a-chèile 's gun rachadh bùird anns gach sgìre a chur 'na àite. Bidh is dòcha deich bùird sna sgìrean eadar Sealtainn agus ceann a-deas Earra-Ghaidheal, le seachd buill air gach bòrd.

Bidh a' chuid as motha de na buill an sàs an croitearachd. Chan eil teagamh nach còrd sin ris a' mhòrchuid, oir tha cuid de na co-dhùnaidhean a ràinig an Comisean, gu h-àraidh a thaobh fearann croite a chur a thaobh air son togail thaighean, air aimhreit adhbharachadh.

Thachair sin bho chionn ghoirid ann an Taigh an Uillt, far an d'fhuair coigreach sealbh air croit. Gun chead idir bhon t-sluagh, ann am beagan mhìosan, le cead a' Chomisein, reic e caoibhreannan dhith air son togail thaighean. Tha e coltach gun do rinn e fortan.

Bha ùpraid am measg nan croitearan sa bhaile, ach a-nis tha dùil nach tachair a leithid a-rithist. Bidh luchd-obrach aig na bùird a chumas lorg air na co-dhùnaidhean a ruigeas iad, agus aig a' cheann mu dheireadh thèid an cur gu Mìcheal Ruiseal, Ministear na Croitearachd an Dùn Èideann.

Chan eil a h-uile neach toilichte le Shucksmith ge-tà. Tha feadhainn mar Fearchar Rothach BPA den bheachd gum bi na bùird ro ionadail 's na buill ro eòlach air a-cheile, 's nuair a dh'èireas connspaid gum bi cus cumhachd ann an làmhan beagan dhaoine.

Chan eil e tuigsinn car son a dh'fhaodas feadhainn nach eil 'nan croitearan àite fhaighinn air na bùird. B' fheàrr leis an Comisean a chumail, ach ann an seagh ùr a chuireas dìon air croitearachd agus chan ann air togail thaighean.

Ge-tà, tha Niall MacLeòid, Ceann-Suidhe Bunait na Croitearachd, den bheachd gum bi co-dhùnaidhean na h-athaisg gu mòr fheum. "Chan ann a' bruidhinn air, can, bòrd a bhios a' riochdachadh baile beag a tha sinn," thuirt e, "ach, mar eisimpleir, air bòrd a bhios os cionn cùisean ann an sgìre cho mòr ris na h-Eileanan an-Iar air fad."

Tha an athaisg a' cumail a-mach, ged tha duilgheadasan ann, gu bheil an gnìomhachas ann an deagh shunnd, agus gum bu chòir òganaich a h-uile cuideachadh fhaighinn gus ùidh a ghabhail ann an obair na croite.



The full article contains 541 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 06 June 2008 10:34 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
1

Eideard,

Belleville 10/06/2008 16:06:18
Caoibhreannan - dè tha sin a' ciallachadh?

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.