ANNS na seann làithean, an uair a bha duine ro fhada beò, bhithte fosgladh nan uinneagan 's nan dorsan, chuireadh duin' a cheann a-staigh tro tholl agus chanadh e, "An tig thu no an téid thu, no an ith thu feòil corra-ghrithich?"
Cha robh meas idir air feòil a' chorra-ghrithich. Mur an do mharbh seo thu, bha thu airidh air saoghal fada.
Air a' mhìos a chaidh bha an Dr Iain Kerr á Clarkston mu choinneamh Comhairle Choitcheann an Leighis air son a bhith a' cuideachadh cuid
de na h-euslaintich bu shine aige gu bhith a' cur ás dhaib' fhéin. Coltach ri iomadh duine eile an Albainn – Margo NicDhòmhnaill 'nam measg, tha mi cinnteach – bha mi air leth toilichte mun bhinn sia mìosan gun leigheas a ghnàthachadh a fhuair e.
A' chiad adhbhar a bha mi toilichte se gun robh Iain 's mi fhìn 'nar dlùth charaidean an làithean ar n-òige. Bha sinn air an aon chlas ann an Àrdsgoil Ghlaschu. Caraid na bu choibhneile 's companach-siubhail na bu shunndaiche cha robh ann riamh. Ri aimsir bhlàth samhraidh bhiomaid a' dol a-mach còmhla air na baidhseagalan againn gu eas falaichte sa mhòintich far 'm biodh sinn a' dol leis an t-sruth air ar tòin, a' leum ceann-air-thoiseach a-staigh don linne far am bu doimhn' i – a dh'innse na fìrinn, bha e fada ro fhurasta bualadh ris a' ghrunnd – agus an uair sin a' sìneadh sa ghréin am measg nan neòinean a dh'òl lemonade.
Ma tha fear seach fear againn cracte sa cheann – taing do ghrunnd na linne neo a chaochladh – is cinnteach nach e Iain a th' ann. Ach bha sinn le chéile air ar togail, le boireannaich làidir a bha eòlach air cruadal, gu bhith a' smaointinn dhuinn fhìn 's a' dèanamh nan co-dhùnaidhean againn fhìn, math neo dona 's gum bitheadh iad.
Chaidh na sgrìoban na bu dàna. Muile. An t-Eilean Sgitheanach. Ìle. Sreap bheanntan Diùra. Seòladh tro Choire Bhreacain. Chaidh càirdean eile a ghabh pàirt an toiseach a tharraing ás le'm pàrantan, 's anns a' cheann thall nuair thug sinn cuairt bhaidhseagail tron Bheilg, an Òlaind, Lucsamburg, a' Ghearmailt, an Eilbheis agus an Fhraing, cha robh ann, a-rithist, ach an dithist againn. Bha mise dìreach 16 agus dh'fhaodte nach robh Iain ach 15 fhathast.
Cha do dh'éirich beud sam bith dhuinn. Bha taobh siar na Roinn Eòrpa, cho fad 's a chitheadh sinne, 'na àite sàbhailte, toilichte, 's bha na rathaidean sàmhach. Taing dhan sgoil bha Frangais againn le chéile, bha Gearmailtis agamsa cuideachd, agus uile gu léir rinn sinn glé mhath, ged a chanadh duine sam bith an-diugh gur ann dhuinne a chaidh na facail "neoichiontaich thall thairis" a dhèanamh.
An-diugh 's an saoghal cho eadar-dhealaichte tha dòighean eile aig fir òga air suathadh ri cunnart. Cuideachd air a' mhìos a chaidh, chaill duin' òg a bha càirdeach dhomh a bheatha ann an abhainn a' dèanamh rud ris an canar "tubing". Bha e air làithean saora fada thall ann an Laos, an ath dhoras ri Bhietnam. Tha thu falbh leis an t-sruth ann an inner tube gus an glac cuideigin thu le crann fada.
Ach tilleamaid gu Iain. Bha e ag iarraidh a bhith 'na dhotair riamh. Dh'fhan an còrr againn san sgoil a dhèanamh siathamh bliadhna. Sin nuair a rinn mise Gàidhlig mar chuspair son a' chiad uair agus dh'fhosgail i làn beatha agus saoghail dhomh. Ach cha b'e siud dhàsan. Thug e Dùn Éideann air a dh'fhuireach le antaidh air Kirk Brae ann an Liberton nuair nach robh e ach 16 no 17 agus chaidh e an sàs tràth ann an ceum dotaireachd.
Bhiodh e a' tilleadh a Ghlaschu gach deireadh seachdain 's chan fhac' e móran de shaoghal nan oileanach riamh. Mar fhear a chaidh dhan oilthigh a b' fhaisge, Glaschu, agus aig an robh an dà chuid dachaigh agus beatha oileanaich, saoilidh mise gur e mearachd a bha sin.
An t-adhbhar eile gun robh mi toilichte mun bhinn aotrom a fhuair e an t-seachdain seo chaidh, se gu bheil beachdan mu euthanasia ag atharrachadh. Tha e cudromach g'eil Iain 'na dhotair urramach teaghlaich aig a bheil meas nan euslainteach aige, oir nochd e gu bheil an lagh ceàrr 's gum bu chòir atharrachadh.
Air an làimh eile, rinn e rud a bha ceàrr ann an sùilean an lagh, 's thugadh sgailc dha mu chaol a dhùirn. Tha sin uile mar bu chòir oir chan eil a h-uile dotair cho urramach ri Iain agus tha cunnartan san dol-a-mach a bh' aige.
Tha mi a' gabhail fadachd ris an là a bhios comataidh euthanasia aig gach bòrd slàinte ann an Albainn. Nan iarradh euslainteach sam bith pilichean gu cur ás dhaib' fhéin mar chaidh iarraidh air Iain, chan e an dotair teaghlaich aca a dhéiligeadh ris a' chùis idir ach sgioba de speisealtaich a bheireadh sùil air gach taobh dhen ghnothach mun ruigeadh iad beachd aon-ghuthach.
Chuala mi gura h-e "Doctor Death" a th' aig cuid a dhaoine air mo sheann charaid. Seo masladh uabhasach nach bu chòir a bhith air guailnean dotair teaghlaich sam bith tuilleadh.
The full article contains 952 words and appears in The Scotsman newspaper.