ON A THÒISICH e, tha Ceòlas air a bhith a' daingneachdainn a' cheangail eadar Uibhist a-Deas agus Alba Nuadh. Tha e cuideachd a' toirt dhaoine á iomadh ceàrn den t-saoghal a dh'Uibhist gach bliadhna a dh'ionnsachadh ceòl, dannsa agus Gàidhlig. Mar sin tha e a' dèanamh mòran do dh'econamaidh an eilein.
Gach bliadhna bidh cuid dhe na seinneadairean 's dhen luchd ciùil as ainmeile ann an saoghal na Gàidhlig a' teagasg 's a' gabhail pàirt sna cuirmean-ciùil. Am-bliadhna se Donaidh Murdo MacLeòid á Leòdhas agus Catrìona Anna Nic-a-Phì á Barraigh a bhi
os a' teagasg seinn, còmhla ri Rona Lightfoot 's Màiri Nic Aonghais á Uibhist. Bidh Ailean Dòmhnallach – neach eile aig a bheil ceangal làidir ri Uibhist – a' teagasg pìobaireachd agus òrain pìobaireachd. Còmhla ris bidh Iain MacIllEathain, pìobaire á Ceap Breatainn. Sann á Bòrnais an Uibhist a-Deas a thàinig sinnsearan Iain o thùs.
Gach bliadhna tha fìdhlearan air tighinn á Ceap Breatainn. Am-bliadhna se Glen Greumach, 's cuideachd dithis ainmeil á Alba – Anna Wendy Stevenson agus Ailean MacEanraig. Bha dannsa ceum aig Ceòlas on a thòisich e; anns an sgioba theagaisg am-bliadhna tha Harvey Beaton, Mats Melin agus Katy Sheathach. Tha cothroman ann cuideachd a dhol gu clasaichean ann an seann ruidhlidhean agus quadrilles.
Bidh clasaichean Gàidhlig aig Ceòlas 2008 a bhios iomchaidh do gach ìre, air an gabhail le Alec Dòmhnallach (Alec Bhaltos), Alasdair Caimbeul (Alasdair a' Bhocsair) agus Catrìona Nic an t-Saoir.
Bidh clasaichean air leth ann am pìobaireachd agus fìdhlearachd dhan òigridh. Le Tonaidh Dòmhnallach 's Aonghas Grannd gan stiùireadh, bidh deagh chothrom aig an òigridh a bhith ag obair còmhla ri dithis a tha air cliù a chosnadh mar luchd teagaisg.
Se seachdain bheòthail thrang a th' aig Ceòlas gach bliadhna, le prògram làn gach oidhche an dèidh nan clasaichean. Do neach sam bith nach robh riamh ann, thig a dh'Uibhist eadar an 6mh agus an 11mh dhen Iuchar. Tha mi làn chinnteach gun còrd e ribh.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig www.ceolas.co.uk.
The full article contains 386 words and appears in The Scotsman newspaper.