THA fear de phrìomh luchd-iomairt na Gàidhlig ag iarraidh bailtean ùra Gàidhlig a stèidheachadh far am biodh daoine a' bruidhinn gu lèir anns a' chànain.
A rèir Fionnlaigh MhicLeòid a tha air a bhith an sàs ann iomairtean Gàidhlig bho chionn còrr is 20 bliadhna, feumar coimhead air coimhearsnachdan Gàidhealach ùra a stèidheachadh gus a' chànan a neartachadh.
Tha MacLeòid den bheachd gun fheum na co
imhearsnachdan a bhith ann gus am biodh an cothrom aig daoine a' Ghàidhlig a bhruidhinn fad na tìde ma thoilleas iad fhèin.
Tha fios gu bheil na molaidhean aige a' togail tòrr cheistean nach bith furasta a rèiteachadh no a fhreagairt. Tha e fhèin ag aideachadh sin. Tha e fhèin ag ràdh gu bheil e ag aithneachadh gur dòcha nach tig na planaichean is na beachdan aige gu càil ach tha e den bheachd gum bu chòir bruidhinn air an seo co-dhiù.
Aithnichidh mòran Gàidheil Fionnlaigh MacLeòid mar am fear thòisich air na sgoiltean àraich Gàidhlig nuair nach robh an leithid ann ann an Alba. Tha e cuideachd air a bhith a' lùib cùrsaichean bogaidh ann an Gàidhlig a chuir a dhol, agus e air a bhith ag obair air cùrsaichean sònraichte dha pàrantan is teaghlaichean. Ach tha na planaichean ùra aige air leth bho Chomhairle nan Sgoiltean Àraich.
Thuirt e: "Tha an t-àm ann smaoineachadh air coimhearsnachdan Gàidhlig ùra a stèidheachadh a bhiodh gu tur ann an Gàidhlig agus far am faigheadh daoine a' Ghàidhlig a bhruidhinn fad na tìde ri chèile. Feumaidh sinn a' Ghàidhlig a dhìon is a thoirt air adhart anns na coimhearsnachdan far a bheil i an-dràsta ach feumar smaoineachadh cuideachd air coimhearsnachdan ùra a bhith cuideachd. Tha gu leòr dhaoine air cantainn rium gum biodh ùidh aca ann a bhith a' fuireach ann an coimhearsnachd mar seo."
Lean e air adhart: "Tha fios agam gu bheil m òran cheistean ann. Càite a biodh iad. Cia mheud dhiubh a bhiodh ann. Ach bu chòir co-dhiù smaoineachadh air an seo. Tha àitichean ann far an gabhadh seo a dhèanamh. Tha sgìrean mòra farsainn ann an Cataibh far nach eil daoine a' fuireach. Bhiodh àite an sin dha coimhearsnachd mar seo. Mar a tha sinn an-dràsta, tha Gàidheil gu math tric ann an suidheachadh far am bheil uiread de dhaoine gun Ghàidhlig mun cuairt orra "
Tha fios gu bheil deasbad gu bhith ann mu dheidhinn seo. Tha fios cuideachd gur h-iomadh neach a chanadh gum biodh ùidh aca ann an coimhearsnachd mar seo ach a bhiodh de bheachd eile nam biodh e ann dha-rìreabh. Bhiodh ceistean ann mu dheidhinn cosgaisean is cosnadh. Am biodh obair ann dha daoine nam biodh an leithid seo de choimhearsnachd stèidhichte ann am meadhan Chataibh. Nam biodh e 20 mìle a-mach a Inbhir Nis, bhiodh e furasta gu leòr dha daoine obrichean a bhith aca. Ach nam biodh e 20 mìle a Inbhir Nis, bhiodh e mòran na bu dhaoire.
Dh' fheumadh bruidhinn a bhith ann mu na "riaghailtean" mu dheidhinn cànan. Dè cho fileanta is a dh' fheumadh daoine a bhith? Dè thachradh nam biodh neach a bha fileanta ann an Gàidhlig pòsda aig neach nach robh?
Tha fios gu bheil cothroman ann cuideachd. Tha sgìrean ann an Èirinn a tha a' dèanamh cosnaidh a-mach a Gàidhlig Èireannach le daoine a bhith a' dol thuca gus a' chànan a dh' ionnsachadh.
Tha e cuideachd fìor gu bheil sinne mar Ghàidheil gu math sgapte. Tha bailtean beaga air an tuath anns na h-Eileanan Siar far a bheil thu a' faireachdainn mar pàirt de bhuidheann bheag falaichte ma bhruidhneas tu ann an Gàidhlig.
Tha coimhearsnachdan cànan nas lugha na Gàidheil na h-Alba a tha gan cumail fhèin a' dol leis gu bheil tòrr dhaoine aca còmhla ann an sgìre gu math beag far a bheil daoine an ìre mhath còmhla.
Tha sin ann. Bidh ceistean air gu leòr a bheil an leithid seo de cheum a dhìth anns an là a th' ann.
Tha adhartas ann an uidheamachd is teicneòlas a' ciallachadh gu bheil ceistean ann mu dheidhinn dè a tha sinn a' ciallachadh leis am facal coimhearsnachd an diugh, agus dè a bhios e a' ciallachadh a-màireach.
Tha gu leòr ri dheasbad.
The full article contains 799 words and appears in Scotland On Sunday newspaper.