AIG Fèis Leabhraichean Ulapul Di-Sathairne sa chaidh, thàinig mu 60 neach a dh'fhaicinn dithis de bhàird Ghàidhlig an latha an-diugh, Rody Gorman agus Anna Frater, ag aithris an cuid bàrdachd. Figear brosnachail, shaoileadh tu, ach dh'fhàs e follaiseach gun robh a' chuid bu mhotha dhe na bh' ann a' cur barrachd suim sna tionndaidhean Beurla aca. Gu dearbh, a-mach air na dàin fhèin, sann sa Bheurla a bha a' choinneamh air fad; an ann mar seo a dh'fheumas cùisean a bhi
Dhen dithist, 's i Anna Frater a bu mhotha a chòrd riumsa, agus ri mòran dhen luchd-amhairc, saoilidh mi. Tha fhios agam glè mhath gu bheil mòran a' cur suim ann am bàrdachd Ghorman, ach tha i dol ás ormsa. Coimheadaidh mi airson brìgh sna dàin ghoir
id aige, ach mura h-eil mi air mo mhealladh, chan eil na tha sin de bhrìgh ann. Ach chòrd Cùis-Gaoil rium – pìos mu Roy Wentworth nach maireann a tha beagan nas fhaide na 's àbhaist dha, 's a shiùbhlas gu rèidh eadar Gàidhlig agus Beurla.
Mar thuirt an cathraiche, Mark Wringe, tha bàrdachd Frater air a sònrachadh le Gàidhlig a tha glè fharasta nàdarra a' coimhead, ach tha na tha siud de dhoimhneachd ann aig an aon àm. Tha fhios gun do rugadh 's thogadh i sa chànan, feart a tha caran ainneamh am measg bàird Ghàidhlig an là an-diugh, 's tha a bhuil ri fhaicinn.
'Na guth soilleir Leòdhasach ghabh i corra dhàn bhon chruinneachadh aice Fon t-Slige – sheas Domestic 9/4/92 agus Màiri Iain Mhurch' Chaluim a-mach.
Chrìochnaich i le dàn cumhachdach ùr mun chall a rinn gèile mhòr an Fhaoillich 2005. An uair sin b' fheudar dhan chathraiche cùisean a thoirt gu crìch gun tìde gu leòr air son ceistean bhon luchd-amhairc, oir bha sluagh mòr aig an doras a' feitheamh Alistair MacLeod.
Chaidh mise a dh'iarraidh lethbhreac de Fon t-Slige.
The full article contains 382 words and appears in The Scotsman newspaper.