MUIRT mhòr, tha e coltach gu bheil cuideigin a' leughadh nam meadhanan Gàidhlig, agus gu bheil daoine a-muigh an sin a' toirt feart oirnn. Chuir e ioghnadh orm a bhith a' leughadh aithrisean Beurla mun Ghàidhlig ann an Gallaibh, agus daoine a' nochdadh draghan mu bheachdan nam meadhanan Gàidhlig as dèidh do chomhairlichean ann an Gallaibh tighinn a-mach an aghaidh sanasan le facal no dhà de Ghàidhlig orra.
Theab mi tuiteam nuair a chunnaic mi aithrisean a' togail a' chinn-naidheachd a bh' againn fhìn anns a' cholbh seo, nuair a thuirt sinn "Mòd 2010 - a bheil iad gar n-iarraidh no nach eil?" Tha e coltach gu bheil sgrìobhadairean Gàidhlig a' toirt buai
dh air cuideigin.
Bidh luchd-leughaidh a' cholbh seo eòlach air Gallaibh. Sin an t-àite far a measail gu leòr air na Gàidheil is air a' Ghàidhlig fhad is a bhios sinn a' caitheamh ar cuid airgid aig a' Mhòd. Ach chan eil iad cho measail air a' Ghàidhlig ma chì iad facal den chànan sgrìobhte ann an àite sam bith. Nuair a thachras sin, tha e coltach gu bheil atharrachadh eagallach a' tighinn orra agus iad ag iarraidh brataichean a chuir suas ann an seann chànan nan Lochlannach, cainnt Phòland, Sineach, Laideann, agus Klingon. Rud sam bith ach a' chànan a bha bitheanta ann an Gallaibh fhèin son linntean.
Tha airgead nan Gàidheal math gu leòr. Ach cha chaomh leo cànan nan Gàidheal.
Ann an linntean eile, bhiodh sinne mar Ghàidheil air gabhail ris an sin. Ach tha a nis na comasan is na meadhanan againn a bhi ag innse ar beachdan fhèin.
Tha na comhairlichean a' cumail a-mach nach eil "Càil aca an aghaidh na Gàidhlig." Leis a h-uile h-urram, ma tha iad gu làidir a' cur an aghaidh Gàidhlig a bhith air a sgrìobhadh ann an àitichean poblach air sanasan oifigeil, tha rud aca an aghaidh na Gàidhlig. Tha rud mòr aca an aghaidh na Gàidhlig. Cuimhnicheamaid air an seo, cha do dh' aontaich Comhairle na Gàidhealtachd idir gun fheumadh gach sanas a thoirt a nuas agus a sgrios agus gach nì a sgrìobhadh ann an Gàidhlig a-mhàin. Is ann a cho-dhùin iad, uair sam bith a bhios iad a' toirt air falbh seann shanas, gun cur iad fear ùr dà-chànanach na àite.
Tha am Mòd gu bhith ann an Gallaibh ann an 2010. Cha bhi càil a dhith daoine a' dol ann a bhios gu math eòlach air na h-ainmean Gàidhlig. Sin ma tha comhairlichean na sgìre agus an sluagh ag iarraidh gun tèid na Gàidheil a chèilidh orra. Mar nach eil iad ag iarraidh nan Gàidheal, bu chòir dhaibh a bhith urramach, agus innse dhan Chomunn gus am bu an cothrom ann am Mòd a chuir a dhol ann an àite eile.
Tha an Comunn Gàidhealach anns an sgìre cho draghail mun t-suidheachadh agus gu bheil iad a' feuchainn ri coinneamh a chuir air dòigh gus an suidheachadh a rèiteach. Tha mi 'n dòchas gun tèid leo. Tha mi 'n dòchas gun atharraich seasamh cuid de mhuinntir na sgìre a tha a' toirt oirnn a bhith a' creidsinn gu bheil iad gu math làidir an aghaidh nan Gàidheal is an cànan.
Chan eil aon chàil ceàrr air daoine a bhith measail air an dualchas Lochlannach, ged a tha e annasach nach eil iad measail air ach an uair a bhios daoine a' togail còirichean nan Gàidheal is an teanga bochd Ceilteach. Bha earrainn mhòr de Ghallaibh a' bruidhinn Gàidhlig son linntean. Mura creid daoine sgrìobhadairean Gàidhlig, faodaidh iad sùil a thoirt air cairtean-dùthcha Ghallaibh far a bheil ainmean Gàidhlig gu math pailt. Tha earrainn de dhualchas Lochlannach againn anns na h-Eileanan Siar cuideachd, ach chan eil sinn a' cleachdadh sin mar leisgeul cur an aghaidh a h-uile duine eile agus a h-uile seòrsa dualchas eile.
Tha mòran sgìrean air feadh Alba far a bheileas gu math deònach dualchas Ceilteach a chleachdadh nuair a thoilleas iad fhèin. Tha bùithtean anns na Crìochan a' reic tartain. Gheibhear fàinean òra a Arcaibh ann cruth is dealbh Ceilteach. Agus thig luchd-ciùil a Sealltainn gu fèisean ciùil Ceilteach. Bhruidhinn luchd-poilitics mu dheidhinn Alba is Èireann is a' Chuimrigh an cuide riu 's dòcha, a bhith a' cumail farpaisean ball-coise fo bhrarach tagraidh Cheiltich - ach a h-uile càil a bhith ann am Beurla.
Ach cha toir iad aire dhan chànain.
English summaryThe organisers of the 2010 National Mod in Caithness are organising a meeting designed to defuse tensions over the bilingual English-Gaelic road signs in the area. Councillors have opposed Gaelic being on the signs, prompting Gaels to question why they should spend their money going to a Mod in an area where so many are opposed to the language. Local Mod organisers want to make councillors aware of Caithness's Gaelic heritage and history.
The full article contains 917 words and appears in Scotland On Sunday newspaper.