Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

The hunt is On.
Sponsored by
Can you track down Scotland's wildest beastie?
 
 
Wednesday, 3rd December 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Misneachd – rud air a bheil sinn glè fheumach



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 19 July 2008
CHUALAS an consart aig Donaidh Rothach "An Turas" aig fèis Celtic Connections aig toiseach na bliadhna, agus chòrd e gu mòr ris na bha an làthair. Rinneadh clàradh dhen chonsart seo an oidhch' ud agus tha sin a-nis ri fhaighinn air CD (CDTRAX323).
Tha an taghadh de dh'òrain a chluinnear fìor mhath, le feadhainn nas sine mar An Eala Bhàn agus Chì Mi 'n Tìr taobh ri taobh ri feadhainn ùra, cuid dhiubh air an dèanamh le Donaidh fhèin.

Tha iad glè eadar-dhealaichte ann am faireachdainn. Cluinn
ear mar eisimpleir an t-òran togarrach Where the Roses, a tha làn toileachais, ach cuideachd feadhainn mar Garden Boy, òran fìor chumhachdach a tha meòrachadh ann an dòigh pearsanta air cuspair trom – an sgrios aig St Valéry far an do chaill uncail Dhonaidh a bheatha aig aois glè òg. Tha an dòigh anns a bheil an ceòl-taic air a chur ris an òran seo, le Còisir Ìleach Ghlaschu, 's còmhlan on RSAMD le ionnstramaidean teudach a' cluichd còmhla ris an luchd ciùil eile, a' cur ris gu mòr.

Chan eil e 'na iongnadh gu bheil feadhainn dhe na h-òrain a chlàr Donaidh còmhla ri Runrig a' nochdadh a-rithist mar phàirt de "An Turas". Ged a chualar Chì Mi 'n Geamhradh agus Dance Called America iomadh uair, tha iad fhathast a' faireachdainn ùr. Gu ìre, tha seo air sgàth na taic' ùire cruthachail a chuireadh ris na h-òrain.

Tha An Turas a' dùsgadh iomadh faireachdainn anns an luchd èisteachd. Air an aon làimh tha fearg an aghaidh ana-ceartais agus co-fhaireachdainn ris na daoine a dh'fhuiling air a sgàth. Air an làimh eile tha e a' dùsgadh misneachd annainn – rud air a bheil sinn glè fheumach.

SANN aig Sgoil-Chiùil a' Phluic a choinnich na buill den chòmhlan òg Bodega an toiseach – Gillian Chalmers ás a' Bhruach (pìob, fìdeag, fidheall), Ross Couper á Sealtainn (gitàr, drumaichean, fidheall), Tia Files ás an Òban Latharnach (gitàr), Norrie MacÌomhair á Leòdhas (bogsa-ciùil, gitàr, djembe), June Naylor ás an Eilean Sgitheanach (clàrsach).

Bhuinnig Bodega na BBC Radio 2 Folk Awards ann an 2006. Tha an CD ùr aca Under the Counter 'na shàr dhearbhadh air an comasan. Tha an ceòl aca ùr, cruthachail, le ionnstramaidean air an cleachdadh gu h-innleachdach, agus dòighean cluichd air an tarraing o iomadh nòs-ciùil. Tha an dòigh anns a bheil iad a' dol ris an òran aig Runrig The Stamping Ground glè tharraingeach, le deagh sheinn o Norrie, agus an djembe aig Tia aig cridhe na taice.

A-rithist, cluinnear òran gu math cumanta, Balaich an Iasgaich, a' faighinn beatha ùr, le ceòl-taic a tha gu math eadar-dhealaichte on àbhaist. B'e call a bh' ann, ge-tà, nach robh na puirt-á-beul a thagh iad beagan na bu mhoille, oir chaidh mòran dhe na faclan air chall gu tur.

Mar a bhiodh dùil, tha gu leòr de phuirt ùra air Under the Counter, agus cluinnear buaidh jazz aig amannan, mar anns na puirt ann am Missing Tramp. Se an rud a tha tighinn troimhe gu làidir an neart 's an spionnadh a th' anns a' chluichd, agus an fhaireachdainn gu bheil e dòrtadh thairis le toileachas.

BIDH mòran eòlach air Èirdsidh Fisher on phrògram Travelling Folk a thòisich o chionn iomadh bliadhna. Buinidh e do theaghlach a tha air cliù a chosnadh mar seinneadairean ceòl-dualchais. Air an CD ùr aige Windward (CDTRAX329) cluinnear 19 orain, mòran dhiubh air an dèanamh leis fhèin. Sann o theip a rinneadh sna 70an a thàinig na h-ochd mu dheireadh, 's tha e inntinneach a bhith cluinntinn cho beag atharrachadh 's a thàinig air a' ghuth aige, a tha socair, soilleir agus tlachdmhor ri èisteachd ris. Thàinig atharrachadh glè mhòr, ge-tà, air an t-seòrsa fuaim air meurchlar a tha fasanta ann an ceòl-taic, mar a chluinnear san taic aig Silver Coin.

Tha alt aig Fisher air a bhith seinn mar gum biodh e ri do thaobh san rùm, agus se deagh chluichdeadair gitàir a th' ann, le dòigh-cluichd a tha cur ris an t-seinn aige 's a' leigeil le faclan nan òran tighinn troimhe gu soilleir. Tha gaol de dh'iomadh seòrsa agus maise nàdair pailt mar chuspairean sna h-òrain ùra, mar a chluinnear ann an Ontario Dust agus Bonnie Border Lass. Ged nach biodh air ach na 11 òrain a chlàradh o chionn ghoirid, se deagh CD a bhiodh ann, ach tha mòran de dheagh cheòl am measg nan seann chlàraidhean cuideachd, mar eisimpleir an dòigh san do chlàradh The Winter It Is Past le Burns, le nòs-ciuil an 18mh linn follaiseach san taic.

Còrdaidh an CD seo gu mòr ris an fheadhainn a tha eòlach air an t-seinn aig Fisher mar-thà. 'S don fheadhainn nach eil, tha e 'na dheagh shanas dhan obair aige.

• The CDs enjoyed by our music critic this month are Donnie Munro's An Turas, in which the Runrig icon rages on stage against injustice but offers hope, Archie Fisher's more intimate Windward, and Bodega's very original Under the Counter, which pulsates with sheer enjoyment. Below, our book critic welcomes a new Gaelic literary journal, Aiste.



The full article contains 955 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 18 July 2008 10:22 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.