Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Wednesday, 20th August 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the Scotland On Sunday site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Murchadh MacLeoid: Rinn Màiri Whitehouse feum dhan h-uile duine againn


TUARASDAL A' GHRÈISIDH

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

SAOILIDH mi gun do rugadh i le peannag is còta-bàn oirre. 'S e a bh' ann am Màiri Whitehouse tè den fheadhainn sin a bha nan cailleachan bhon a bha iad òg. Cha bhi cuimhne aig mòran a tha nas sine na 35 oirre. Ach cha robh i fad as nuair a bha prògraman connspaideach a' nochdadh air an telebhisean anns na 1970an.
Chan eil e fasanta an diugh a bhith ga ràdh, ach bha e math gu robh i ann. Bhiodh i ag èigheach is a' gearan mu dheidhinn droch chainnt, fòirneart, feise is an leithid a bhith a' nochdadh air prògraman telebhisean. Cha do chòrd an dol-a-mach aice ri
luchd-craobh-sgaoilidh no ri luchd-politics. Bha gu leòr ri fanaid oirre agus a' cuir sìos oirre.

Ach bu chòir dhuinne a bhith taingeil gu robh i ann agus gun do chuir i cuideam air muinntir nan sianail mu dheidhinn na a bha iad ri cur a-mach de phrògraman. Tha deasbad ùr air a bhi ann mad deidhinn an t-seachdain seo agus dràma ùr a' tighinn a-mach a' cuimseachadh air a beatha is air a h-obair.

'S iomadh mearachd a rinn i. Bha i a' cuimseachadh air droch-chainnt, feise, is fòirneart is gun i a' toirt feart air cainnt mu dheidhinn gràin-cinnidh nach biodh freagarrach an-diugh.

Ach rinn i feum anns an t-seadh is gun tug i guth dha na muilleanan a bha den bheachd gu robh rudeigin a' dol. ceàrr anns an rìoghachd aca is nach robh cothrom aca càil a dhèanamh ma dheidhinn. Bhruidhinn i a-mach mu dheidhinn cumhachd cuid anns na meadhanan nach fheumadh mòran cunntas a thoirt seachad son na bha iad a' dèanamh.

Tha e duilich an diugh cuimhneachadh air cho cumhachdach is a ceannardan telebhisean bho chionn 30 is 40 bliadhna anns an rìoghachd seo. Cha robh ann ach dhà no thrì seanailean air an telebhisean. Cha robh guth air bhideo no DVD, eadar-lìon no cluich air a' choimpiutar. Bhiodh daoine a' cruinneachadh timcheall air an telebhisean agus ga choimhead. Bhiodh am beatha air a riaghladh le clàr-ama nam prògram. An ath là, bhiodh daoine a' coinneachadh anns an sgoil no aig an obair gus bruidhinn air an rud a chunnaic iad an oidhche roimhe sin. Saoghal eile.

Ach 's e saoghal a bha seo aig nach robh mòran àite ach dha na rudan a bha muinntir nam bailtean mòra a' meas cudromach. Bha riochdairean nam bailtean mòra ag iarraidh an saoghal a chrathadh agus a dhùsgadh a rèir nam beachdan aca fhèin. Bhathas airson saorsa dha dòighean pearsanta is teaghlach eadar-dhealaichte. Bhathas a' bruidhinn dha saorsa dha gach feallsanachd is dòigh-beatha. Ach cha robh guth air saorsa dha daoine a bhith a' bruidhinn an cànan fhèin. Bha riochdairean a' bruidhinn mu dheidhinn saorsa a bhith aca prògraman a dheasachadh agus a sgaoileadh mar a shaoil iadsan iomchaidh. Cha robh mòran saorsa gu bhi ann dha cànan nan Gàidheal.

'S e an rud nach tuig mi buileach, 's e seo: uair sam bith a tha muinntir an telebhisean a' feuchainn ri sanasan a tharraing, thathas a' dol gu na companaidhean agus a' mìneachadh cho cumhachdach is a tha am meadhan. Arsa iadsan: "Feumaidh sibh an stuth agaibh a shanasachadh air an telebhisean. Tha e cumhachdach. Tha e a' toirt buaidh air daoine."

Uair sam bith a nì neach gearan mu dheidhinn na bhios air, canaidh iad: "Telebhisean? A' toirt buaidh air daoine? Cha chuala sinne a riamh an leithid! Chan eil dearbhadh sam bith ann gu bheil brìgh anns an sin."

Annasach.

Chunnaic Gàidheil na h-Alba an telebhisean a' toirt buaidh air daoine. Rinn e sgrios do-labhairt air a' Ghàidhlig nar coimhearsnachdan.

Tha fios agam gu bheil argamaidean ann mu dheidhinn an telebhisean a bhith a' dèanamh daoine dualtach a bhith ri fòirneart no nach eil. Is iomadh rud mì-chàilear a ghabh àite mus robh guth air an telebhisean. Is iomadh daoine olc a bh' ann.

Tha cùisean nas bunaitiche. Bu chòir roghainn a bhith aig daoine a bhios a' ciallachadh gun cur iad air an telebhisean is gum faic iad rud a bhios freagarrach dhan teaghlach gu lèir, is chan e dìreach de tha luvvies nam bailtean mòra a' smaoineachadh a bhios math dhuinn.







The full article contains 786 words and appears in Scotland On Sunday newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 04 June 2008 11:56 AM
  • Source: Scotland On Sunday
  • Location: Scotland
 
1

Calum Crubag,

02/06/2008 13:04:20
An e 'Wee Free' a bh'innte?
2

WHISTLEBLOWER,

Pissaff 20/06/2008 18:26:32
"Chan eil e fasanta an diugh a bhith ga ràdh"

Chan eil sensible an diugh a bhith ga radh cuideachd!

De a nis? Feumaidh a h-uile te a bhith a-staigh fad na thide, neo sgiursadh airson na gays?

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.