BEAG air bheag tha daoine ann an cumhachd a' blàthachadh ris na meadhanan Gàidhlig agus iad a' moladh Eòrpa mar eisimpleir air an gabhadh togail.
Thathar fiùs ag ràdh nach eil an còrr de chur a-mach BBC Alba ach a' coimhead ropach, bochd, dàrna làimh an coimeas ris.
Chan ann bho Alba a-mhàin a tha an gluasad seo a' tighinn. An dèidh aithisg bhon Ollamh Tony King fhoillseachadh, tha Urras a
' BhBC ag aontachadh gum bu chòir barrachd ùghdarrais a bhith aig muinntir a' BhBC sna dùthchannan Ceilteach 's gum bu chòir an sgaoileadh-cumhachd poilitigeach a bhith nas aithnichte air feadh lìon sgaoilidh a' BhBC.
Cha tàinig Eòrpa a-mach á neonitheachd ge-tà. Bha prògraman naidheachd telebhisean Gàidhlig ann roimhe, sin agus bun-stèidh mhath reidio.
Sann aig Radio nan Gaidheal a tha an t-seirbheis naidheachd làitheil as fheàrr san dùthaich bhig neònaich seo.
Tha guth cinnteach naidheachdail aig luchd na Gàidhlig ge b'e an e Gaidhil bho thùs a bhios a' bruidhinn no daoine a tha air a h-ionnsachadh. An coimeas ri Radio nan Gaidheal, chan eil guthan Radio Alba ach caran frionasach, mì-chinnteach, no fiùs tro-chèile, mar gu bheil eagal orra gun cluinn daoine iad a' bruidhinn le blas "ceàrr".
Chan eil càil den amaideas sin aig Radio nan Gaidheal agus rùm ann do gach blas cainnte 's do gach dualchainnt.
Chan e 's gu bheil e foirfe ge-tà.
Tha an latha reidio a' tòiseachadh glè mhath, le aithris shlàn naidheachd a' chiad char sa mhadainn, an uair sin Coinneach Mòr a' deasbaid cho siùbhlach 's cho tuigseach le daoine bho air feadh an t-saoghail. An dèidh mire ri Mòrag Dhòmhnallach aig àm cofaidh le deagh thaghadh den cheòl 's den chraicearachd as fheàrr, tha thu dòigheil a-nis airson rudeigin oideachail – an t-seachdain sa an t-Oll. Iain MacAonghuis a' cuimhneachadh bho dhoimhneachd an stòrais dhualchais phearsanta aige fhèin. Cha b' urrainn do sheirbheis reidio a bhith na b' fhèarr 's na bu fhreagarraiche don luchd èisteachd.
Ach se sgeulachd eile feasgairean. An dèidh cus bhon dream-chabadaich Ghall-Shasannach thairis air àm na diathaid (car son a tha iad ann, a bheil fios aig duine?) tha fadachd agad gus an cluinn thu guthan Gaidhealach a-rithist aig dà uair, oir sann aig Radio nan Gaidheal a tha na guthan as tarraingiche a gheibhear air reidio. Nan robh panto nan saor-làithean againn se "Guth mar Shìoda" a bhiodh air Mairead NicIllinnein le Seonag Monk 'na ban-sìthiche mhath 's iad ag ùrachadh dhaoine le blàths an deagh rùin. Bhiodh Cathy Bhàn na fancy auntie a' rùraich baga-làimhe a h-inntinn air son rudan beaga milis ri innse dhuinn, le uncail Ailig Dòmhnallach 'na dhraoidh gar cur fo gheasan gu sàmhchair nam fàsadh sinn ro ghluaiste.
Nan leigte leotha bruidhinn, dh'èistinn fad an latha riutha. Ged nach robh iad ach a' leughadh bhon leabhar-fòn no bhon liosta-ghoireasan aca dh'èistinn 's mo chluas stuigte ris an reidio, air corra biod gu'n cluinninn an ath fhacal.
Ach leis mar a tha cùisean, cuiridh mi an reidio air agus dheth, air agus dheth, a-rithist 's a-rithist, gus an cluinn mi na guthan bòidheach gun a bhith a' fulang puing den troc chiùil a tha tighinn 'nan lùib. Cnapan tiugha do-chnàmhaidh de cheòl "Ceilteach"; seann chlàran nan 80an nach robh riamh 'nan hits ach am measg ìobairtich fasain; an roghainn as bliain de cheòl clasaigeach, agus ceòl dùthchail bho sheinneadairean "soirbheachail" gun sgur – cò a dh'èisteadh ris? Tha sinn uile seachd sgìth den scidili-dì.
Is dòcha gu bheil na daoine a tha an sàs ann an lìbhrigeadh na seirbheis seo a' smuaineachadh gur e ro-innleachd ghlic a th' ann beagan aotramachd a bhith ann feasgairean, ach tha diofar mòr eadar na tha aotram agus na tha dìreach suarach.
Chan e 's nach eil sinn uile dèidheil air diofar sheòrsaichean ciùil an-dràsta 's a-rithist, ach chan obraich cus den aon seòrsa fad an t-siubhail, gu h-àraidh mas e an-còmhnaidh ceòl Beurla a tha ann. Tha iomadach cànan is cultar eile a tha airidh air beagan cluich. Chan e Radio nan Gaidheal ach Radio Cultar na Beurla tro mheadhan na Gàidhlig a tha thu ag èisteachd ris feasgairean. Dè an ìomhaigh Bheurla tha leithid Food Glorious Food bho Oliver, no òran eile bho Cats, a' riochdachadh co-dhiù?
Gheibh thu sin uair sam bith air dusan sianal eile.
Chan ann ann an stòras chlàran gun fhiù tha beartas RnG ach sna daoine a tha ag obair ann, na guthan 's am pearsantachd. Ag èisteachd ri Ailig O Hianlaidh 's Derek Moireach a' deasbad air ball-coise Di-Satharna, thogadh am mìneachadh aca ùidh annad san spòrs ged a bha dubh-ghràin agad ris a' gheama roimhe.
Tha an t-àm ann air son innse don t-saoghal dè a tha anns a' Ghàidhlig, cànan beag a tha ann an cunnart agus a tha airidh air seirbheis shlàn reidio fad an latha, fad na seachdain, gun cus ath-chraolaidhean, chan ann a dh'aindeoin nach eil mòran ann a thuigeas i ach air an dearbh adhbhar sin, oir bu chòir cothroman èisteachd ceart a bhith againn ri ar cànan dualchasach.
Cha chosgadh sin mòran an coimeas ris na thigeadh ás.
• In its latest report, authored by Tony King, the BBC Trust has told the organisation to try harder to reflect the realities of devolution. Our media critic points out that Eòrpa is deservedly held up as showing the road that Scottish-based news must travel. But Eòrpa, he says, did not come from nowhere. It is backed up by decades of experience gained from many earlier Gaelic TV news programmes and from radio. Radio nan Gaidheal, he says, has a confidence that the rest of BBC Scotland has lost. But its strength lies in its broadcasters. This should not be diluted by streams of mindless music in English.
The full article contains 1106 words and appears in The Scotsman newspaper.