Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Wednesday, 20th August 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Sgilean gàirnealaireachd gan teagasg sna bunsgoiltean – a' tòiseachadh le glasraich



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 31 May 2008
CHAIDH pròiseact air adhart an-uiridh ann am bunsgoiltean nan Loch, Farr, Chille Chòmhain agus Whalsay far an robh aig sgoilearan ri ionnsachadh mar a chuireas agus a thogas iad glasraich.
A' cur taic ris a' phròiseact tha buidhnean mar Bunait na Croitearachd, Ùghdarras nan Croitearan, Comhairle na Gaidhealtachd agus Buidheann Brosnachaidh Slàinte ann an Sgoiltean na h-Alba. Tha gàrradh glasraich neo gàrradh càil, mar a chanadh na Gaid
hil, co-cheangailte ris gach sgoil, agus chuir na sgoilearan sìol anns an earrach. Air dha fàs, chuir iad ás do na luibhean agus chaidh am bàrr a thogail anns an Lùnastal agus anns an t-Sultain. Chaidh beagan dheth ás gach sgoil a chur air truinnsearan aig dìnnear ann an Ardsgoil Inbhir Nis far an d'fhuair luchd foghlaim fiathachadh.

Chaidh gach sgoilear a dh'obair air croit faisg air an sgoil. Fhuair iad eòlas air obair an fhearainn, air eachdraidh na Gaidhealtachd agus air mar a bha Gàidhlig (ach a-mhàin ann an Sealtainn) air bilean an t-sluaigh. Anns gach sgoil bha neach teagaisg os cionn na h-iomairt.

Ann am Farr (Srath Nabhair) fhuair iad a-mach mu na fuadaichean 's mar a chaidh an sluagh a sguabadh far an croitean agus ás an cuid thaighean agus a sgapadh air feadh an t-saoghail. Fhuair iad eòlas air an strì a chrìochnaich le Achd na Croitearachd ann an 1886. Thuirt Seumas MacIain, a tha a' teagasg anns an sgoil, "Fhuair na h-òganaich cothrom mòran ionnsachadh le bhith ag obair taobh a-muigh na sgoile."

Cha b' àbhaist do chroitearan sna h-eileanan mòran glasraich a chur ach buntàta a-mhàin agus bha a' chlann ann an Sgoil nan Loch glè mhoiteil cho math 's a chaidh leotha. Thog iad a h-uile seòrsa eadar càl, currain, tuineap, cneamh-gàrraidh, meacan ruadh, biotas, curran geal agus liatas. Sgrùd iad na feannagan taomaidh a bha cha mhòr a' dol suas gu mullaichean nam beann, 's an obair a bha aig na fir 's na mnathan feamainn a thoirt suas bhon chladach. Thuirt Iris Stiùbhart, a tha teagasg san sgoil, "Bidh dùil againn gun toir am pròiseact seo spionnadh do chroitearan glasraich, a tha glan agus fallain, a thogail air gach croit agus gun gabh na h-òganaich ùidh ann an obair an fhearainn."

Leis cho soirbheachail 's a bha an iomairt, tha dùil gun tèid gàirnealaireachd a chur air adhart mar chuspair aig Ìre Choitcheann ann an deuchainnean sgoiltean.

Ann an Cille Chòmhain, far a bheil an sluagh a' crìonadh 's gun ach beagan ag obair nan croitean, fhuair a' chlann eòlas air mar bha Gàidhlig anns gach dachaigh bho chionn beagan bhliadhnachan, le crodh 's caoraich air gach croit.

DH'FHAODTE gu bheil connadh do charbadan 's do bhàtaichean nas daoire sna h-Eileanan na an àite sam bith eile san t-saoghal, a réir fianais a thug Alasdair MacAilein BPA do dheasbaid sa Phàrlamaid Di-Ciadain. Tha peatral aig £1.27 an liotar 's diesel aig £1.50.

A RÉIR aithisg companaidh cunntais á Lunnainn, Grant Thornton, bhiodh Alba neo-eisimeileach £4.4 billean nas fhèarr dheth le teachd-a-steach na h-ola. Tha Aonghas MacNìll BP air gluasad a chur air bòrd pàrlamaid Westminster gus barrachd smachd a thoirt do dh'Alba air an dà chuid teachd-a-steach ola agus cìsean connaidh.

MAR leughadh samhrachail, ma tha i sileadh a-muigh, dé mu dheidhinn Cothrom an earraich? Tha airtigeal mór ann mu chacti – seadh – 's a dhà mu thursan gu India. Tha beachdan gu math blàth ann cuideachd bho Alison Lang, Seonaidh MacÀdhaimh agus fear Drostan, ga brith co è.

CHAIDH a' chiad Phlana Gàidhlig a bhios mar dhleasnas reachdail air buidheann phoblach aontachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle na Gaidhealtachd. Mairidh am plana gu 2011.

FHUAIR Eòrpa moladh bho Chomisean Craolaidh Alba, a tha ag iarraidh tuilleadh phrógraman naidheachd fhaicinn gan dèanamh an-seo.

CHUIR iasgairean san Fhraing, san Spainn, san Eadailt 's ann am Portugal sreath stailcean 's thaisbeanaidhean air bhonn an aghaidh prìsean àrda connaidh. Tha an iomairt a' dol bho neart gu neart, le taic bho dhràibhearan làraidh san Òlaind agus anns a' Bheilg.

THA luchd saidheans anns na Stàitean air compiutar a thrèanadh gu tomhas a thoirt air an fhacal air a bheil daoine smuaineachadh agus an ceann fo sganair. Tha an compiutar a' leughadh dealbh de ghnìomhan na h-eanchainn.





The full article contains 800 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 30 May 2008 11:24 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.