THA e iomchaidh faighneachd cò tha a' ruith nam meadhanan Gàidhlig agus gu dè na h-amasan aca. An ann airson a' Ghàidhlig a shàbhaladh mar chànan coimhearsnachd, cànan an teaghlaich 's na dachaigh (mar a bhiodh daoine àbhaisteach Albannach an dùil agus iad a' pàigheadh air an son) no airson an suarachadh, mar a chanadh cuid de sheann laoich na cànain?
Canaidh tòrr gu tric, luchd dèanamh phrògraman 'nam measg, gur e luchd margaidheachd agus luchd poileataigs a tha gan stiùireadh agus gur e am prìomh amas aca prògraman "Gàidhlig" a reic gun bhlas ro Ghaidhealach orra air eagal 's gun cuireadh sin dh
eth na Goill 's na Sasannaich agus gu dearbha na Gaidhil fhèin a tha cho cleachdte ri cultar na Beurla a-nis.
Cluinnear an fheallsanachd sin ga cur an gnìomh aig Radio nan Gaidheal far a bheil e fasanta ceòl "Ceilteach" agus ceòl "dùthchail" a sparradh air an luchd èisteachd air gach cothrom, fiùs nuair nach eil e idir freagarrach.
Tha cha mhòr gach puing fiosrachaidh anns gach prògram eile ga mhilleadh le ceòl agus òrain Beurla, mar nach robh òrain Ghàidhlig gu leòr ann a shoilleiricheadh gach roinn bheatha.
Se prionnsabal bunaiteach na margaidheachd a' phuing as sònraichte, an unique selling point, a thogail mun bhathar. A thaobh na Gàidhlig, se tha sònraichte mu deidhinn gu bheil i Gaidhealach. Tha e follaiseach nach obraich oidhirpean gus sin a sheachnadh air Radio nan Gaidheal gun a bhith a' milleadh a' bhathair gu buileach.
Dè mu dheidhinn Teilidh nan Gaidheal ge-tà? Tha e nas fhasa Teilidh nan Gaidheal a ràdh na bhith a' sìor strì ri tuigsinn dè an dàimh a tha eadar am BBC agus muinntir a' Chaolais Digiteach, "Compàirteachas eadar MG Alba agus am BBC" mar a tha aca fhèin air, ge b'e dè tha sin a' ciallachadh. Se a tha ann am MG Alba – neo Media Gàidhlig Alba – ach a' bhuidheann a b' àbhaist a bhith aithnichte mar Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.
Se comharradh gu bheil margaidheachd air inntinn buidhne nuair a thig e gu atharrachadh ainm, gu h-àraid gu rudeigin caran faoin ach furasta a ràdh do dhaoine gun Ghàidhlig.
Tha ro-innleachd shoilleir margaidheachd aca nuair a thig e gu taic-airgid a thoirt don Challenge Cup aig Lìog Ball-Coise na h-Alba, iomairt a tha leantainn air cho soirbheachail 's a bha coimhearsnachd na Gàidhlig fhèin ann an strì gus am faiceadh iad am facal "Alba" air lèintean na sgioba nàiseanta.
Seach a bhith a' liùgach na Beurla a-steach do roinntean beatha Gàidhlig, tha an iomairt seo a' taisbeanadh na Gàidhlig do luchd na Beurla agus dhan t-saoghal gu lèir. Chan urrainn gu bheil sin 'na dhroch rud, shaoileadh tu, ged tha MG Alba a' cumail sàmhach mu chosgaisean.
Agus se gnothach poileataigeach a tha ann an telebhisean. Sin carson a chaidh Alasdair Moireasdan a thaghadh mar chathraiche ùr MG Alba, ged a tha mòran a' gearain mu dheidhinn agus MG Alba fhèin a' diùltadh càil sam bith a shoilleireachadh mun chùis, dol a-mach nach eil ach a' coimhead caran leanabail an-diugh.
Chan eil OFCOM, aig a bheil uallach ás leth riaghaltais Lunnainn airson fhastadh, deònach mòran a ràdh ach gun deach fhastadh a rèir riaghailtean teann, gun deach an obair a shanasadh gu farsaing ro làimh, agus gun deach am Moireasdanach a thaghadh á sianar thagraichean.
A' coimhead tuairisgeul na h-obrach aige, tha e ag ràdh gum bu chòir tagraichean a bhith aithnichte mar-thà aig ìre phoileataigeach. Sin mar tha gnothaichean. Bha iad a' sireadh cuideigin mar Alasdair Moireasdan agus feuch! Nochd e ann dhaibh.
Gheibh e £11,000 mar thuarastal agus bidh dùil aca gun nochd e beagan làithean gach mìos – mar a tha àbhaisteach don chathraiche aig buidheann sam bith den t-seòrsa.
Tha aig MG Alba ri luchd na Beurla agus riaghaltas Lunnainn a shàsachadh. Nì am ball-coise 's an cathraiche ùr an gnothach dhaibh gu snasail, ach dè mu dheidhinn na coimhearsnachd Ghàidhlig? Eil dad ann dhaibhsan? Tha e doirbh a ràdh chionns gu bheil fiosrachadh agus deilbh cho gann aig an ìre seo.
Bidh prògram chàraichean Air an Rathad air a thairgse le Eyeline Media, seòrsa de rud a shaoileadh tu a b' fheàrr fhàgail aig na Sasannaich a tha air cliù fhaighinn mar-thà ann a bhith bruidhinn c–c mu chàraichean.
Tha SMG ag ullachadh film mu dheidhinn a' mhurtair Peter Manuel a dh'fhaodadh a bhith tarraingeach don fheadhainn – tha gu leòr dhiubh ann – a gheibh tlachd á rudan mì-chàilear.
Tha am BBC fhèin air cùb poileataigeach a tharraing le bhith a' cur Greg Hemphill bho Still Game a chluich Elvis a nochdas mar aisling a' stiùireadh punc òg ann an Leòdhas anns na 70an.
Is truagh ge-tà gu bheil am BBC fhathast cho spìocadh le fiosrachadh sa Ghàidhlig 's a bha iad riamh, ged a tha iad làn deònach luchd naidheachd na Beurla a shlìobadh.
Nan smuainicheadh iad air na pàipearan beaga anns gach ceàrn den Ghaidhealtachd a tha acrach airson stuth anns a' Ghàidhlig, thuigeadh iad gum b' urrainn ro-innleachd a bhith aca a bhrosnaicheadh litearachd anns a' Ghàidhlig cho math ri ùidh anns na prògraman aca.
Bu chòir gun tòisich margaidheachd aig an taigh cho math ri carthannas.
The full article contains 983 words and appears in The Scotsman newspaper.