Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

The hunt is On.
Sponsored by
Can you track down Scotland's wildest beastie?
 
 
Wednesday, 3rd December 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Tuilleadh bheathannan air an call air na rathaidean – cuin a tha e uile a' dol a stad?



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 09 August 2008
CIAMAR a nìthear rathaidean na Gàidhealtachd 's nan Eilean nas sàbhailte? Se sin a' cheist a tha an còmhnaidh fa-near do Phoileas a' Chinn a-Tuath, am measg iomadh duilgheadais eile air a bheil iad a' sireadh fuasgladh.
Nuair a chluinneas sinn mu dheidhinn droch thubaist eile air a' Ghàidhealtachd tha sinn uile a' gabhail truas ris na daoine a tha an sàs innte – agus is dòcha a' faighneachd dè cho sàbhailte 's a tha na rathaidean againn.

As dèidh t'èile air an A
9 o chionn ghoirid, far an do chaill ceathrar am beatha, tha sinn buailteach a bhith coireachadh an rathaid fhèin, oir tha fìor dhroch ainm aige, 's tha iomairt a' dol an-dràsta airson a dhèanamh dùbailte air fad. Ach a bheil e cho sìmplidh sin? An e an rathad as coireach?

A rèir Poileas a' Chinn a-Tuath, a tha an urra ri pìos mòr dheth, chan eil aon adhbhar sònraichte ann airson tubaistean rathaid, ged a tha sinn uile buailteach a bhith a' coireachadh rudan sònraichte, leithid luchd-turais a' dràibheadh ro shlaodach as t-samhradh, daoine òga a' dol ro luath, agus mar sin air adhart. Thuirt neach-labhairt: "Chan eil e cho sìmplidh 's gum faod thu a ràdh gur e dràibhearan bho thall thairis a tha ag adhbhrachadh thubaistean as t-samhradh.

"Tha barrachd thubaistean air an rathad as t-samhradh seach gu bheil fada bharrachd dhaoine a' dràibheadh air rathaidean aig an àm sin."

Na trì prìomh adhbharan a tha air cùl thubaistean rathaid marbhtach ann an sgìre Poileas a' Chinn a-Tuath is iad dràibheadh neo-chùramach, daoine a bhith fo bhuaidh na dibhe, agus falbh ro luath. A rèir an Sgrùdaire Iain Mac a' Ghobhainn, a tha os cionn Roinn Poileasadh nan Rathaidean aig Poileas a' Chinn a-Tuath, "A-mach ás na tubaistean rathaid marbhtach ann an 2008 gu ruige seo san sgìr' againn, bha sianar de na daoine a fhuair bàs bhon sgìre fhèin agus bha 15 dhiubh bho thaobh a-muigh na sgìre.

"Ach ma choimheadas tu air sgrùdadh a rinn sinn air figearan bho 2002 gu 2005, tha e follaiseach gur ann bhon sgìre fhèin a bha a' mhòrchuid de dhaoine a fhuair bàs ann an tubaistean rathaid marbhtach anns a' phàirt seo dhen dùthaich.

"Tha na figearan a th' againn gu math toinnte, agus dh'fhaodadh droch thubaist no dhà buaidh mhòr a thoirt orra aon bhliadhna. Cuideachd, ged as e daoine bhon sgìre no bho thaobh a-muigh na sgìre a tha ag adhbharachadh tubaist, is dòcha nach e iadsan a tha a' faighinn bàs san tubaist sin."

Agus chan e dìreach an samhradh a tha cunnartach, tha tòrr thubaistean marbhtach a' tachairt sa gheamhradh. A rèir Iain Mhic a' Ghobhainn, eadar 2003 agus 2007 bha 66 tubaist mharbhtach eadar an Cèitean 's an Lùnastal sna bliadhnaichean sin, ach bha 50 tubaist mharbhtach eadar an Dàmhair 's an Dùbhlachd san aon ùine. Gu math tric, se sìde a' gheamhraidh agus cho dorcha 's a tha e as coireach gu ìre ann an cuid a thubaistean, math dh'fhaodte – agus/neo dràibheadh neo-chùramach, agus/neo a bhith a' falbh ro luath, agus/neo dràibhearan no daoine eile a bhith fo bhuaidh na dibhe …

Aon nì a tha cinnteach se na targaidean nàiseanta: feumaidh Poileas a' Chinn a-Tuath, coltach ri gach Feachd Poilis eile, àireamh nan daoine tha bàsachadh no a tha air an droch ghoirteachadh ann an tubaistean rathaid ìsleachadh 40 ás a' cheud ro 2010.

Ach ciamar a tha iad a' dol a dhèanamh sin? Aon dòigh se na h-iomairtean a tha iad a' ruith fad na bliadhna ag iarraidh air daoine gun a bhith dol ro luath, a' cur an cuimhne dhaoine crios-suidheachain a chur orra agus mar sin air adhart. An-dràsta tha iad a' cumail iomairt fon ainm "Samhradh nas Sàbhailte", far a bheil iad ag amas air ìsleachadh a thoirt air an àireamh de dhaoine a tha a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe. Thuirt an Sgrùdaire Mac a' Ghobhainn: "Tha dràibheadh fo bhuaidh na dibhe a' dèanamh sgrios air beatha dhaoine agus tha sinn a' guidhe air daoine gun a bhith ga dhèanamh. Feumaidh sàbhailteachd dhràibhearan agus dhaoine eile a tha a' cleachdadh nan rathaidean – agus choisichean – a bhith fa chomhair dhaoine an còmhnaidh.

"Bu chòir fios a bhith aig dràibhearan cuideachd gun dèan am poileas deuchainn analach air duine sam bith a nì eucoir trafaig a thuilleadh air daoine tha an sàs ann an tubaistean rathaid, 's chan fhiach e an teans a ghabhail."

Tha e coltach gu bheil lughdachadh a' tighinn an-dràsta air an àireamh de thubaistean rathaid air feadh Alba anns a bheil cuideigin an sàs a tha fo bhuaidh na dibhe. Se an ath cheist am bi na rathaidean cho sàbhailte 's a tha an Riaghaltas ag iarraidh ro 2010, agus 40 ás a' cheud nas lugha de dhaoine air bàsachadh no air an droch ghoirteachadh ann an tubaistean rathaid?

• THE state of our roads – not least the A9 – tends to be blamed for accidents, but speeding, drink driving and sheer carelessness often have a lot to do with it as well. If Government targets are to be met, police forces nationwide will have to find a way of reducing the number of collisions involving serious injury or fatalities by 40 per cent before 2010.



The full article contains 994 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 08 August 2008 10:17 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
1

WHISTLEBLOWER,

13/08/2008 14:00:37
Athchuinge sgoinneil, nach cuireadh tu d'ainm ris?

We the undersigned, call upon the Scottish Rugby Union to proudly display ‘Alba’ (the Scottish Gaelic name for Scotland), alongside Scotland, on the front of the national rugby team shirt.

http://www.petitiononline.com/cleague/petition.html

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.