Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

The hunt is On.
Sponsored by
Can you track down Scotland's wildest beastie?
 
 
Wednesday, 3rd December 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Gu dè am feum a th' ann am Bòrd na Gàidhlig co-dhiù?



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 26 July 2008
LEIG Mata MacÌomhair dheth a dhreuchd mar chathraiche Bòrd na Gàidhlig gus "cur ri leasachadh na Gàidhlig ann an dòigh tur eadar-dhealaichte". Chan eil ach trì planaichean Gàidhlig air an suidheachadh aca gu ruige seo, agus tha fathannan ann mu throd am measg nam ball. Gu dè am feum a th' ann am Bòrd na Gàidhlig co-dhiù?
Glè bheag, chanadh cuid. An toiseach bha Bòrd na Gàidhlig (Alba) Earranta ann, an uair sin bha Bòrd na Gàidhlig ann. Dà chathraiche agus dà cheannard suas gu seo, agus dè a bhuil?

Tha feadhainn a' cumail a-mach gu bheil Riaghaltas na h-Alba fhè
in ri choireachadh, 's iad air quango a chur air dòigh a tha air a mhaoineachadh a dh'aona ghnothach le airgead nach eil idir gu leòr airson na h-obrach. Tha e fìor nach eil na tha BnaG a' faighinn ach suarach – mu £4.4 millean ann an 2006-07 – ach coimhead na nithean air a bheil iad ga chosg. Anns a' chiad àite, tha cha mhòr cairteal dheth a' dol air tuarastalan agus cosgaisean BnaG fhèin.

San dàrna àite, tha e coltach uaireannan gun toirear airgead mar na sligean dhan a h-uile tachartas grod Beurla air a bheil gleans meallta Gàidhlig, ach nach eil idir Gàidhlig 'na gnè. Fiùs nuair sgrùdas sinn fear de na pròiseactan as fheàrr, fhuair Ceòlas £10,000 am-bliadhna – nise se nì aibhiseach math a th' ann an Ceòlas ach, aig a' cheann thall, tha e air a chumail tro mheadhan na Beurla.

An ann mar seo as fheàrr a thèid airgead na Gàidhlig a chosg? Chan fhaighear sgillinn ruadh leothasan a tha, air èiginn, a' cumail a' chànain beò saor an-asgaidh sa choimhearsnachd. Tha e coltach nach eil de rùn aig BnaG amas air cùisean a tha Gàidhlig gu an cùl.

Dh'fhaodadh e bhith g'eil Plana Nàiseanta BnaG "ag aithneachadh cho cudromach 's a tha sgoiltean làn-Ghàidhlig"; ach dhiùlt an ceannard ùr foghlam tro mheadhan na Gàidhlig airson a chuid cloinne an Inbhir Nis. Se am beul a labhras …

Tha fhios gur h-e raon air leth toinnte cugallach a th' ann an leasachadh cànain; agus gur h-e glè bheag de mhion-chànanan air feadh an t-saoghail a chaidh ath-bheothachadh riamh, ach a dh'aindeoin sin chaidh (agus gabhaidh fhathast) a dhèanamh.

Ge-tà chan eil e idir coltach gun do dh'ionnsaich am Bòrd heat bhon fheadhainn a shoirbhich thall thairis. "Tuilleadh air an dreasair 's gun càil sam bith air a' bhòrd", mar a thuirt am fear shìos aig a' pholl-mòna.

BHUANNAICH Iain Mason Glaschu an-Ear do Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (PNA) a-raoir ann am frith-taghadh Pàrlamaid Lunnainn. Bha 365 bhòt aige air thoiseach air an Làbarach, Mairead Curran. Sin luasgan 22 ás a' cheud gu PNA. Thuirt Prìomhaire na h-Alba, Ailig Salmond, nach eil suidhe Làbarach sam bith sàbhailte tuilleadh ann an Alba.

CHAOCHAIL Aonghas Greum, 60, a bha fad iomadh bliadhna 'na chomhairliche do sgìre Ghriais an taobh sear Leòdhais air Comhairle nan Eilean agus air Comhairle nan Eilean Siar.

DH'AONTAICH Seanadh na Frainge gum bu chòir cànanan eile aithneachadh le bhith ag ràdh am bun-reachd na dùthcha gu bheil "cànanan roinneil 'nam pàirt de dhualchas na Frainge".

THA figearan ùra airson 2007 a' sealltainn gu bheil barrachd gam breith na tha a' bàsachadh ann an Alba air son a' chiad turas ann an deich bliadhna. Se àireamh an t-sluaigh 5,144,200.

THUG Comhairle Choitcheann an Leighis binn sia mìosan gun chead leigheas a chleachdadh air Dr Iain Kerr, 61, á Clarkston, air son cuideachadh le seann euslaintich cur ás dhaib' fhéin.






The full article contains 691 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 25 July 2008 9:18 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
1

radge dug,

Dùn Eideann 26/07/2008 11:00:24
Eil BnG fhathast a' cleachdadh na Beurla airson an cuid coinneamh?
2

Sconehead,

Baile Scone 27/07/2008 18:01:00
Chan eil fhios agam - ach tha Cainnt a' deanamh eadar theangachaidh dhaibh airson na mionaidean a tha tighinn a mach as na coinneamhan a tha sin.

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.