THA mi uabhasach toilichte Dìomhanas le Fionnlagh MacLeòid (Clàr, £8.99) fhaicinn an clò. Bha fios agam riamh gur e sgrìobhadair math a bh' ann an Dr Finlay, ach mas e "roghnaich" am facal, roghnaich e cùrsa beatha bha buileach an aghaidh na roghnaich sàr sgrìobhadair Leódhasach eile, Iain Moireach.
Thòisich Iain ann an 1973 le cruinneachadh de sgeulachdan goirid, An Aghaidh Choimheach, a bha cho math ri dad a chaidh sgrìobhadh an Gàidhlig riamh. An uair sin chaidh e an sàs ann an rudan eile – foghlam, na meadhanan, rianachd, dealbhan cluiche.
Ghabh Fionnlagh rathad eadar-dhealaichte. Thòisich esan 'na shaiceòlach an Obar Dheathain (agus tha saiceòlas cudromach san leabhar seo). Thill e Leódhas, rinn e dealbhan-cluiche, rianachd, na meadhanan (a' ruith companaidh telebhisean). A-nise, 35 bliadhna as déidh An Aghaidh Choimheach, seo, mu dheireadh, cruinneachadh sgeulachdan a ghabhas coimeas ris.
Gu h-iongantach, chan e An Aghaidh Choimheach a' chiad rud a tha Dìomhanas a' toirt gu m' inntinn idir ach na sgrìobhaidhean aig Dòmhnall MacLaomainn. Air dà adhbhar. Aonan, chan e buileach sgeulachdan a th' annta seo air fad. Tha cuid dhiubh 'nan cunntaisean, neo 'nan aistidhean. 'S a dhà, pàirtean bodhaig.
Seadh, pàirtean bodhaig. Bha sgeulachd mhìorbhaileach aig MacLaomainn, "Fear a Chaill a Chogais", far an robh a' chogais chaillt' air a cur an céill mar nì a ghabhadh glacadh eadar corrag agus òrdag. Tha trì pìosan aig Fionnlagh den t-seòrsa seo: "Ùrachadh", far a bheil duine faighinn cridhe duin' eile 's tha a bhuil air; "An Cluaisean", mu obarèisean beag tonsils a tha dol ceàrr 's a' fàgail a' ghille seo a' bruidhinn tro chluasan 's le dà eanchainn aige, té a bhruidhneas Gàidhlig 's té a bhruidhneas Beurla; agus "Tiop", air a sheatadh 200 bliadhna romhainn, nuair a gheibh daoine chip 'nan ceann a bheir cànan ùr dhaibh, 's a roghnaicheas aon ghille crosta a' Ghàidhlig – uile rud beag ro anmoch ge-tà. Tha iad seo 'nam measgachadh mìorbhaileach de shaiceòlas, de dh'fhealla-dhà 's de dh'aoir.
Tha 24 pìosan ann an Dìomhanas. Chan eil fios cuin a chaidh gach gin a sgrìobhadh oir chan eil Fionnlagh a' leigeil air. Uile gu léir, tha iad a' nochdadh a' mhic-mheanmna aig duin' a bha riamh òg, miann nach gabh riarachadh gu cruthan ùra 's diofar stoidhlichean fheuchainn, sàr Ghàidhlig nach eil aig an òigridh tuilleadh – agus priob-sùla a' bhodaich.
Canam facal no dhà mu na seòrsaichean dhan do mhothaich mi. Tha "A' Dùsgadh Chlach", "Na h-Ailbhein Gaoithe" agus "Dùsgadh" mun neònachas a bheir creideamh air daoine. Tha "Air an Rathad" agus "Cur Seachad na Tìde" (a tha a' faighinn a neart o Ghàidhlig shìmplidh) mu dhubh-chosnadh nam boireannach.
Tha trì pìosan a' cleachdadh siubhal nan smuaintean à la Joyce: "Latha Eile", "Caitheamh-Beatha" – agus "Iomrall", far a bheil "mise" dol 'na "esan" 's air ais.
Tha Fionnlagh aig an taigh anns gach linn eachdraidheil. Tha "Còmhla" air a sheatadh ann an àm fada bhuainn coltach ri The Dark Twin aig Marion Campbell. Tha "An Ceistear" mu mhurt o chionn 200 bliadhna. Ann an sgeulachdan eile chì sinn an saoghal tro na sùilean aig Mac an t-Srònaich 's aig càirdean nan daoine a dh'eug air Rònaigh.
Ann an "Cùil Lodair" tha sinn ann an dà thìm aig an aon àm. Tha na Leódhasaich a' cluinntinn air Radio nan Gaidheal g'eil blàr gu bhith aig Cùil Lodair 's gum bi am BBC ann. Théid iad ann le'n claidhean air aiseag CalMac. A bheil e 'g obrachadh? Thà. "Bhuail cnap mòr de rudeigin air cliathaich an OB 's chriothnaich e na bha na bhroinn. 'Na bugairean,' dh'èigh fear. 'Gheall iad nach buaileadh iad sinn.'"
Tha an leabhar dìreach a' tighinn nas fheàrr 's nas fheàrr mar a tha thu a' leughadh. Tha dà aoir ann, "Aiseirigh" agus "Triùir Nighean an Rìgh agus Mac na Banntraich", far a bheil saoghail na beul-aithris 's an latha an-diugh a' bualadh 'na chéile. Le brag. 'S tha ceithir pìosan ann a bu chòir do gach Gaidheal an leughadh, oir tha iad a' déiligeadh gu drùidhteach, léirsinneach, eirmseach le saoghal na Gàidhlig an-diugh. Rangaichte bho "gun dòchas" gu "dòchas", is iad seo "An Dachaigh", "Ist! Eil e ach an Leth-Uair Co-Dhiù?", "A' Chùil", agus "A Chàirdean, Cà'il am Bàr?"
Tha mi a' moladh Dìomhanas le m' uile chridhe.
Caolas glan ùr – le seann ainmHÙ-RÈIDH! Tòisichidh an caolas ùr air 19 Sultain. Tha fadachd oirnn uile gus am faic sinn e ma gheibh sinn signal idir. Chan e a h-uile duine a bhios a' gabhail ùidh san uidheamhachd ùir leis am faicear e co-dhiù – saideal neo rudeigin mar sin, nach e?
Shaoileadh tu gum biodh fios aig muinntir an TBh air na h-àireamhan tha dol a bhith ga choimhead, 's gu dearbh tha iad sgiobalta gu leòr le 250,000 mar luchd coimhead "targaid".
Saoil cia mheud le Gàidhlig a thathar an dùil a bhios ga choimhead? 'S cia mheud gun Ghàidhlig? A rèir fear-labhairt a' BhBC chan eil na figearan aca ann. "Cha ghabhadh sin tomhais ceart," tha sibh tuigsinn. A rèir bean-labhairt MG Alba tha sin fìor. Chan eil na figearan aca ann, ged a tha core audience aca, is dòcha 90,000 duine aig a bheil i no aig a bheil ùidh innte.
Ach shaoileadh tu gum biodh aca ri figearan a bhith aca nuair a chuir iad a-steach airson an airgid, sin agus rud beag a ràdh mu dheidhinn ciamar a bha an teilidh a' dol a shàbhaladh a' chànain, mar shàbhail e iomadh cànan eile – nach do shàbhail?
Chan eil, tha e coltach. Nan robh stuth mar sin air a bhith aca na bu tràithe nuair a bha iad a' dealbhadh na seirbheis ùir, shaoileadh tu gum biodh e aca ri làimh a-nis – nach bitheadh?
Tha iad an còmhnaidh deònach tilleadh thugad uaireigin eile, tha sibh a' tuigsinn, leis an fhiosrachadh sin.
Aidh agus dè a chosg iad air an MG Alba Challenge Cup agus dè thathar an dùil a thig ás? "Chì sinn nuair a thachras e," thuirt luchd labhairt "BBC Alba", ainm "ùr" a' chaolais ùir aig BBC Alba 's aig MG Alba, a b' àbhaist a bhith de dh'ainm eile le chèile, blà, blà, ach cha b' urra dhomh a bhith cinnteach an e am buidheann, an sianal no gu dearbh dè mu dheidhinn a bha an luchd labhairt a' bruidhinn. Bidh fios aca fhèin ge-tà, nach bi?
No, mar a tha an fhreagairt chorparra a' dol, "I regret to tell you that this information is commercially sensitive and I am unable to disclose it."
An dà luchd coimhead: Gaidhil 's GoillBIDH "BBC Alba", an t-seirbheis didseatach Gàidhlig ùr, a' tòiseachadh Di-Haoine 19 Sultain 2008 aig 9f. Bidh e ri fhaighinn air saideil 's air càball air feadh na Rìoghachd Aonaichte, agus cuideachd air-loidhne. Ma théid le measadh Urras a' BhBC, bidh e ri fhaighinn air Freeview ann an Alba a-mhàin as déidh "tionndadh gu didseatach" (a tha a' tòiseachadh ann an ceann a-deas na h-Alba san t-Samhain).
Tha MG Alba 's am BBC ann an co-bhanntachd airson an t-seirbheis ùr a libhrigeadh. Se MG Alba (Meadhanan Gàidhlig Alba) ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.
Thuirt cathraiche ùr MG Alba, Alasdair Moireasdan, "Se clach-mìle mhìorbhaileach air son craoladh a tha seo. Se an rud as cudromaiche air son MG Alba gu bheil deagh sheirbheisean telebhisean, réidio agus air-loidhne ri'm faighinn air son luchd amhairc 's luchd éisteachd, 's tha mi air leth toilichte g'eil sinn a-nis a' cur seirbheis ùr air dòigh tron cho-bhanntachd eachdraidheil eadar MG Alba 's am BBC."
Thug Urras a' BhBC targaid 250,000 de luchd-amhairc do "BhBC Alba". Thathar an dòchas gun ruigear am figear seo beag air bheag thar a' chiad dhà bhliadhna den t-seirbheis.
Tha Coinneach MacGuaire 'na àrd-stiùiriche air buidheann ris an canar bho seo a-mach "am BBC ann an Alba". Thuirt e: "Se àm air leth a th' ann airson craoladair sam bith ma tha sianal ùr a' tòiseachadh, 's tha mi uabhasach toilichte gum bi an t-seirbheis seo ga cur air bhog an-seo an Alba mar thoradh air a' cho-bhanntachd eadar am BBC 's MG Alba. Le foillseachadh BBC Alba tha sinn a' faicinn ceann-amais na coimhearsnachd Gàidhlig a' tighinn gu bith as déidh ùine fhada agus as déidh oidhirp mhór leis an fheadhainn a tha air a bhith ag obair gu dìcheallach air a' phròiseact.
"Bidh BBC Alba a' tairgsinn seirbheis ùr leasaichte gu luchd amhairc le Gàidhlig, 's bidh e cuideachd a' tàladh luchd amhairc nas farsainge air feadh Alba le roghainn de phrógraman inntinneach agus tarraingeach."
Tha an t-seirbheis ùr ag amas air dà sheòrsa luchd coimhead: na Gaidhil 's na Goill. Tha 59 ás a' cheud de na Gaidhil a' coimhead prógraman Gàidhlig gach seachdain mar-thà. A thaobh nan Gall, tha rannsachadh MG Alba a' sealltainn gu bheil ùidh de sheòrs' air choreigin aig eadar 2 agus 5 ás a' cheud de shluagh na h-Alba – eadar 100,000 agus 250,000 duine. 'Nam measg tha feadhainn a bhiodh air an tarraing gu seòrsachan sònraichte phrógraman, leithid spòrs no ceòl.
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, àrd-oifigear MG Alba, "Cha bhi fada a-nis mus faigh luchd amhairc ann an Alba cothrom prógraman ùra sa Ghàidhlig fhaicinn a h-uile latha. Air a' chiad oidhche chì sinn dràma ùr le Greg Hemphill mar Elvis agus cuirm-chiùil bheò bhon Eilean Sgitheanach leis an luchd ciùil as fheàrr an Alba. Thairis air na mìosan tha romhainn bidh sinn a' craoladh roghainn fharsaing de spòrs, de naidheachdan, de phrógraman cloinne, de dh'aithris 's de chur-seachad."
The full article contains 1801 words and appears in The Scotsman newspaper.