Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

The hunt is On.
Sponsored by
Can you track down Scotland's wildest beastie?
 
 
Wednesday, 3rd December 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Sgoiltean Gàidhlig gu bhith ann am Port Rìgh agus anns a' Ghearastan ro 2011?



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 14 June 2008
THA a' chomataidh Ghàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd air aontachadh iarraidh air a' Chomhairle beachdan a shireadh bho dhaoine air bunsgoiltean gu tur Gàidhlig a stèidheachadh ann am Port Rìgh agus sa Ghearastan.
Ma thèid aontachadh a dhol air adhart ris na molaidhean a thàinig bho Chomainn nam Pàrant anns gach sgìre, dh'fhaodadh an àireamh de bhunsgoiltean Gàidhlig ann an Alba dùblachadh ro 2011, agus bhiodh trì de na ceithir sgoiltean gu tur Gàidhlig sin an
n an Roinn na Gàidhealtachd.

Tha cha mhòr leth de na 716 sgoilearan a tha ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre bunsgoile ann an Roinn na Gàidhealtachd san Eilean Sgitheanach agus ann an sgìrean faisg air a' Ghearastan (sgìre comhairle a' Chaoil agus Mhalaig, agus sgìre comhairle a' Ghearastain agus Àird nam Murchan).

A rèir cathraiche comataidh Ghàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd, an comhairliche Hamish Friseal, tha Comann nam Pàrant sa Ghearastan air a bhith ag ullachadh fad bliadhna airson iarraidh orra co-chomhairle a chumail air bunsgoil Ghàidhlig a stèidheachadh sa Ghearastan an àite aonad Gàidhlig, mar a th' aca an-dràsta. Tha an iomairt ann am Port Rìgh gu math nas ùire, ach chaidh dà choinneamh phoblach a chumail air a' chùis ann am Port Rìgh o chionn ghoirid agus bha taic làidir am measg phàrantan aig a bheil sgoilearan Gàidhlig.

Thuirt Mgr Friseal: "Bha deasbad againn aig Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain sa chaidh mun chùis, 's dh'aontaich sinn iarraidh air a' Chomataidh Foghlaim, Cultar 's Spòrs coimhead air pàipear airson co-chomhairle phoblach a chumail. An uair sin bheireadh an comataidh sin sùil air builean na co-chomhairle agus thigeadh iad gu co-dhùnadh mu na molaidhean airson bunsgoiltean Gàidhlig anns an dà àite. Tha mi gu math toilichte gu bheil sinn a' dol a dh'fheuchainn ri dol air adhart ri seo, agus feumaidh sinn a-nis fhaicinn dè an seòrsa taic a th' ann am measg phàrantan."

Mhìnich Art MacCarmaig bho Chomann nam Pàrant Phort Rìgh: "Nuair a mhothaich cuid de phàrantan gun robh Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh dà sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ro 2011 sa Phlana Gàidhlig aca, thòisich còmhraidhean mu dheidhinn 's sinn den bheachd gum biodh tè ann am Port Rìgh fìor mhath. Chan e gu bheil càil ceàrr air Bunsgoil Phort Rìgh mar a tha i, ach gu bheil buannachdan a bharrachd ann dhan chànan clann oideachadh ann an àrainneachd Ghàidhlig.

"Bha an comhairliche Drew Millar gu math taiceil agus mhol esan aig coinneamh de Chomataidh Foghlaim na Comhairle gum bu chòir sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh air 'taobh tuath an Eilein Sgitheanaich'. Mar a thachair, cha tàinig iarrtas bho sgìre eile ach Port Rìgh agus chuir mi fhìn agus buidheann bheag de phàrantan eile coinneamh air dòigh le pàrantan cloinne ann am foghlam Gàidhlig a-mhàin anns a' chiad dol a-mach airson fhaicinn am biodh taic ann bhuapasan an toiseach. Bha, agus chum sinn coinneamh fhosgailte an uair sin, bho chionn mìos, airson barrachd fiosrachaidh a thoirt seachad far an robh Màiri Nic a' Bhreatannaich à Glaschu air aoigheachd. Bha comhairlichean an Eilein uile an làthair agus uile a' toirt seachad taic, agus a-mach às a' choinnimh sin chaidh buidheann Chomann nam Pàrant a stèidheachadh airson seo a thoirt air adhart."

A rèir MhicCarmaig, tha taic làidir, cha mhòr aona-ghuthach, aig na teaghlaichean le clann san aonad Ghàidhlig a chuir beachd an cèill airson bunsgoil Ghàidhlig, agus chan eil e smaoineachadh gum bi an aon aimhreit a chunnacas ann an Slèite nuair a mhol pàrantan Gàidhlig bun-sgoil gu tur Gàidhlig a stèidheachadh san sgìre sin.

"Tha an suidheachadh ann am Port Rìgh eadar-dhealaichte ann an dòigh, oir tha faisg air 100 san roinn Ghàidhlig 's tha am baile mòr gu leòr airson barrachd air aon sgoil," mhìnich e. "Cha bhi duilgheadasan a thaobh siubhail do sgoilearan a' tighinn a-steach air a' chùis nas motha. Tha daoine an-còmhnaidh an aghaidh atharrachaidhean 's bidh cuid a' cumail a-mach nach dèan e feum sam bith ann an coimhearsnachd cho beag ri Port Rìgh sgaradh adhbhrachadh. Ach airson maith na Gàidhlig tha cruaidh fheum air gluasad den t-seòrsa seo, agus tha Bunsgoil Ghàidhlig Inbhir Nis agus Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air sealltainn gun tig fàs anns na h-àireamhan de sgoilearan ri linn sgoiltean Gàidhlig fa leth a chur air dòigh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil cuid de phàrantan toilichte gu leòr oir chan eil iad buileach a' tuigsinn dìreach cho math 's a bhiodh sgoil Ghàidhlig dhan cuid chloinne a thaobh fileantachd agus cleachdadh na Gàidhlig agus bi e an urra rinne na buannachdan a reic dha na pàrantan eile."

A rèir phàipearan coinneamh Comataidh Ghàidhlig na Comhairle, dh'fhaodadh Comataidh Foghlaim, Cultar is Spòrs Comhairle na Gàidhealtachd a bhith beachdachadh air builean nan co-chomhairlean seo mu mheadhan na Samhna. Ach tha iomadh ceist ri freagairt ron àm sin, nam measg maoineachadh agus làraichean air son nan sgoiltean.

Highland Council's Gaelic committee have agreed to push for public consultations on establishing two new all-Gaelic schools to replace existing Gaelic units in Fort William and Portree. If both public and council support are forthcoming, the number of stand-alone Gaelic primaries could double from two to four by 2011. All-Gaelic schools in Glasgow and Inverness have seen the intake of Gaelic-medium pupils rise significantly.



The full article contains 1022 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 13 June 2008 10:35 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
1

glassbenmhor,

14/06/2008 05:21:19
You Bet Ya,
2

radge dug,

Taigh na Croiche 14/06/2008 12:04:24
Deagh naidheachd. A-nis, feumaidh sinn sgoiltean dhan leithid ann an Dun Eideann, Sruighlea, Leodhas, Uibhist, Oban is Obar Dheathainn. Is rudeigin an Dun De, an Eaglais Bhreac is aiteachan eile mar sin.
3

Tearlach,

Juneau 14/06/2008 17:11:04
Deagh naidheachd a th' ann gun teagamh ach saoilidh mi gur e seo gàirdeachas 's buidheachas mòr mu ceumanan beaga, criomagan bhon bhòrd dhan duine a tha bàsachadh le acras.
4

Calum Maclean,

Inverness 14/06/2008 20:54:00
Deagh naidheachd dha rireabh, tha feum mhor ann.

Ach tha dragh orm anns an cabhag 's brosnaich air sgoiltean gaidhlig ur, nach bith dhaoine an ionadan Gaidhlig beaga di-chuimhneachadh. Tha feum oirnn fhathast an aireamh na sgoiltean a leasachaidh air feadh na Gheadhailteach Sann a h-ionadan beaga anns an choimhearsneachd beag a tha sin a toisichadh.

Gun ceumannan beaga cha teid sinn air adhart idir.

5

Calum Crubag,

16/06/2008 08:20:44
Aidh, chan fhaigh sinn moran bho Chomhailre Shruighlea! Triobaidean a'dol aig Ardsgoil Wallace an-ceartair is iad a-falach an sruth Gaidhlig aca bho na sgoilearan.
6

Duine,

Inbhir Nis 18/06/2008 15:02:25
Tha mi a' dol le Tearlach an seo. Ged as math an naidheachd, 's ann slaodach a tha na h-iomairtean seo a' gluasad.

Foghlam tro Mheadhan na Gaidhlig anns gach aite dhen Ghaidhealtachd agus ann aite sam bith eile far a bheil iarrtas oirre!

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.